Cead-dealbhachaidh do Bhun-sgoil a' Challtainn

Chaidh cead-dealbhachaidh a thoirt seachad airson na bun-sgoile ùire Gàidhlig air taobh sear Ghlaschu.

'S e Bun-sgoil Ghàidhlig a' Challtainn an ceathramh sgoil Ghàidhlig a bhios sa bhaile.

Bidh i stèidhichte ann an togalach seann sgoil an Naoimh Seumas, a dhùin ann an 2009.

Tha an aithris seo aig Stephen MacLeòid.