"Dìth fiosrachaidh” aig muinntir na sgìre mu Phàirce Nàiseanta Loch Obha

Tha mòran bruidhinn agus aithris air a bhith ann mun aonta-riaghalaidh eadar an SNP agus na h-Uainich - Aonta Thaigh Bhòid nach eil ann tuilleadh.

Bha plana san aonta sin gus Pàirce Nàisenta ùr a stèidheachadh an Alba.

Tha sgìre Loch Obha am measg an fheadhainn a thathas a' moladh son an leithid, 's tha fear a tha a' cur taic rithe air aideachadh gur dòcha nach eil fiosrachadh gu leòr aig muinntir na sgìre.

Tha an aithris seo aig Andreas Wolff.