Buaidh na sìde oirnn

Chan eil ach beagan làithean ri dhol gus am bi Latha Buidhe Bealtainn ann agus cuiridh mi geall gu bheil gu leòr agaibh mar a tha mise, beò an dòchas gun tig blàths agus deagh shìde na chois.

Tha gu leòr den bharail gur e beagan de dhroch earraich a bh'againn. Ach saoil gu dè seòrsa buaidh a th'aig deagh shìde, agus gu dearbh droch-shìde, nuair a thig e chun an seòrsa sunnd anns a bheil sinn?

Ceist a tha sin, air a bheil Alasdair MacLeòid air a bhith a' meòrachadh.