20 bliadhna o chaidh planaichean chuaraidh Lingreabhaigh bàs

Ròineabhal 's Lingreabhagh
Fo-thiotal an deilbh,

Bha an cuaraidh air Ròineabhal a chladhach air falbh

  • Air fhoillseachadh

Tha 20 bliadhna o chaidh cur às de na planaichean a bh' ann cuaraidh gu math mòr a stèidheachadh ann an Lingreabhagh an ceann a deas na Hearadh.

Ann an 1991 thòisich an sgeulachd mu oidhirp aon de na cuaraidhean fosgailte as motha a bhiodh air an t-saoghal a chruthachadh.

Bha seo sa Mhàrt den bhliadhna sin le tagradh airson cead-dealbhachaidh a' tighinn bhon chompanaidh Redland Aggregates a bha stèidhichte ann an Sasainn.

Ged a bha cuaraidhean beaga air slèibhtean Ròineabhail mar tha, bha a' chompanaidh airson 600,000,000 tunna de chloich anorthosite a chladhach a-mach à cliathaich na beinne bhon chladach suas gu a mullach aig a' cheann thall - an dèidh 30 bliadhna agus far an robh na cnuic, bhiodh loch mara ùr ann.

A' chiad ghreis co-dhiù, chuir gu leòr fàilte air leasachadh cho mòr le gealltanas gum biodh faisg air 30 obraichean na chois.

Fo-thiotal an deilbh,

Bha mòran air a shon an toiseach

Bha Catriona Dhòmhnallach na ball de Chomhairle nan Eilean (mar a bh' air) aig an àm agus bha ise a' toirt rabhadh gun robh na Hearadh an ìmpis a bhith ann an suidheachadh èiginneach.

“Bha mise glè thoilichte mu dheidhinn, bha iadsan ag iarraidh gun deadh seo air adhart, bha feum air obraichean, bha an sluagh air a dhol sìos gu mòr.

“Bha a h-uile càil a bh’nann a’ toirt ùine agus cha robh càil a’ tachairt, bha bliadhnaichean a’ dol seachad.

"Thuirt iad ann an 1993 gun robh iad “minded to grant” ach an uair sin air an là mu dheireadh den rannsachadh phoblach, tharraing a’ Chomhairle an taic a bh’ aca air ais airson cead-dealbhachaidh.”

Bha dragh air feadhainn de na h-iasgairean gun robh stuthan ceimigeach gu bhith a' tighinn a-mach às a' chuaraidh a bha a’ dol a dhèanamh milleadh air a’ mhuir agus air an iasgach.

Thuirt Mòrag Rothach, a bha na Rùnaire air Seirbheis Shòisealta na Hearadh aig an àm: "Tha mi a’ smaoineachadh gun robh a’ chuid mhòr a’ cur taic ris agus a' smaoineachadh gum b’ e rud math a bhiodh ann nan tigeadh obraichean dha na Hearadh a chionn bha feum mhòr air obraichean."

Chaidh Buidheann-Obrach na Hearadh a stèidheachadh leotha airson 's gum faigheadh iad a h-uile buannachd a ghabhadh às an leasachadh agus gus am biodh na duilgheadasan a thigeadh na chois cho beag 's a ghabhadh.

Chaidh an iomairt an aghaidh a' chuaraidh air bun-stèidh foirmeil nuair a chaidh a' bhuidheann LINK a stèidheachadh ann an 1992.

Bliadhna an dèidh sin, thuirt a' bhuidheann ùr, Dualchas Nàdair na h-Alba no SNH mar a bh' orra, gun robh iadsan an aghaidh an leasachaidh.

Ach fhuair cunntas-bheachd gun robh a' mhòr-chuid de mhuinntir na Hearadh air a shon agus thug Comhairle nan Eilean taic don sgeama.

Rannsachadh Poblach

Ach chaidh a ghairm a-steach le Rùnaire na h-Alba, Iain Lang, agus san Dàmhair 1994, thòisich rannsachadh poblach a mhair naoi mìosan air tagradh Redland ann an Steòrnabhagh.

Rinn a' bhuidheann-obrach an uair sin reifreann.

Sheall sin gun robh a' mhòr-chuid sna Hearadh a-nis an aghaidh a' chuaraidh.

Air an dàrna là mu dheireadh den rannsachadh phoblach, bhòt buill na Comhairle cur às den chead-dealbhachaidh.

Bhiodh ceithir bliadhna eile ann mus biodh aithisg an rannsachaidh deiseil.

San eadar-ama, bha Lafarge - a ghaibh thairis Redland Aggregates - fhathast ri suirghe agus bha Catriona Dhòmhnallach am measg luchd-taic cuaraidh Lingreabhaigh a fhuair cuireadh a dhol a dh'fhaicinn na làraich aca ann an Leicester.

Ach ged a mhol an rannsachadh taic a thoirt don chuaraidh, dhiùlt Riaghaltas na h-Alba sa bhliadhna 2000 cead a thoirt don tagradh - agus iad am beachd gun dèanadh e barrachd cron na feum.

B' e adhbhar tàmailt a bha sin don bheagan a bha fhathast a' cur taic ris an leasachadh.

Thuirt Iain Tormod Dòmhnallach, a chaidh a thogail ann an Lingreabhagh: “An fheadhainn a bha air a shon, cha robh iadsan a’ fuireach air an stairsich, cha robh iad ann an Lingreabhagh ann." B' ann air an stairsich aig màthair Iain Thormoid a bha iad an dùil an cuaraidh a thogail.

Rinn Lafarge strì laghail, bha rannsachadh poblach eile ann air cead airson làrach Ròineabhail a thugadh sna 60an.

Ach an dèidh mar a chaidh an ath-thagradh mu dheireadh aca a thilgeil a-mach, dhearbh iad air an 2na den Ghiblean 2004 gun robh iad a' leigeil seachad an tagradh aca buileach - a' toirt sgeulachd fhada thoinnte cuaraidh Lingreabhaigh gu ceann.