"Cothroman mòra" an cois pàirce nàiseanta Loch Obha

Niall MacLeòid
Fo-thiotal an deilbh,

Bha Niall MacLeòid am measg na chuir Loch Obha air adhart 'son inbhe pàirce nàiseanta.

  • Air fhoillseachadh

Tha fear a tha a' cur sgìre Loch Obha air adhart mar an ath phàirce nàiseanta ann an Alba ag ràdh gum biodh buannachdan mòra na chois, ged a dh'aidich e nach eil fiosrachadh gu leòr aig muinntir na sgìre mun ghnothach.

Tha Niall MacLeòid, a tha na thuathanach san sgìre, cuideachd ag ràdh gum bu chòir uallach airson fiosrachadh a sgaoileadh a bhith air luchd-poilitigs.

Gheall Riaghaltas na h-Alba gun rachadh co-dhiù aona phàirc nàiseanta ùr a stèidheachadh ro dheireadh 2026.

Ged a sheall deich sgìrean ùidh sa ghnothach an toiseach, nochd ceistean is connspaid gu leòr is grunnan dhiubh a-nise air tarraing a-mach.

Bha an t-Eilean Sgitheanach, Ratharsair is Rònaigh nam measg.

Tha sin a' fàgail gu bheil còig sgìrean fhathast ag amas air inbhe pàirce nàiseanta:

  • Na Crìochan

  • Gall-Ghàidhealaibh

  • Loch Abar

  • Loch Obha

  • Coille Thatha

Bha Mgr MacLeòid am measg na chuir Loch Obha air adhart bho thùs

Tha e a' cumail a-mach gu bheil buannachan mòra an cois seo dhan sgìre.

"Bha sinn a' suidhe aon là is a' coimhead ri 17 iarrtasan leasachaidh 'son Loch Obha, bho siostaman stòras pumpaidh gu crainn-ghaoithe a bhiodh na b' àirde na Tùr Eiffel," thuirt Mgr MacLeòid.

"Tha cothroman mòra an seo do mhuinnir an àite is a thaobh an àrainneachd a dhìon is a leasachadh ann an dòigh sheashmaich," thuirt e.

Chan eil a h-uile duine san sgìre ag aontachadh.

Chuala BBC Naidheachdan draghan na bu tràithe air a' mhìos gum faodadh pàirce nàiseanta Loch Obha maill a chur air leasachadh is air muinntir an àite san fharsaingeachd, is nach eil fiosrachadh gu leòr ga sgaoileadh mun phlana.

Dh'aidich Mgr MacLeòid gun robh sin fìor gu ìre.

"Stèidhich sinn làrach-lìn, taobh a-muigh bho chionn grunn mhìosan mus do rinn sinn co-chomhairle, is chuir mi post-d gu na comhairlean coimhearsnachd ionadail bho chionn cha mhòr dà bhliadhna, is thàinig freagairt làidir."

"Tha daoine ceart a bhith ag ràdh nach eil fiosrachadh gu leòr aca, ach chanainn gur e trioblaid phoilitigeach a tha sin."

Tha Riaghaltas na h-Alba ag ràdh gur ann air na buidhnean aig ìre ionadail a tha uallach 'son fiosrachadh a sgaoileadh.

Tha Mgr MacLeòid a' cumail a-mach gu bheil taic san sgìre airson nam planaichean.

Thuirt e gun tàinig dùbhlan air sgàth iomairt bhon NFU is e ag ràdh gu bheil dragh orra mu bheathaichean a bhith air an tilleadh dhan àite.

Tha connspaid air a bhith ann an Srath Spè le tuathanaich a' gearan air mar a chaidh bìobhairean a thilleadh is buaidh Pàirce Nàiseanta a' Mhonaidh Ruaidh air obair àiteachais san fharsaingeachd.

'S ann a tha Mgr MacLeòid ag ràdh gum faodadh tuathanaich co-obrachach le pàirce nàiseanta is cothrom gun tigeadh àrdachadh mòr air an teachd a-steach aca.

Thuirt Riaghaltas na h-Alba gu bheil iad a' dèanamh measaidh an-dràsta air na còig sgìrean a tha air a' gheàrr-liosta 'son inbhe pàirce nàiseanta is gun tèid an sgìre a b' fheàrr leotha ainmeachadh as t-Samhradh.