Cathraiche eadar-amail air Comann Gheamannan nan Eilean

Andrew Inkster agus Jörgen PetterssonTùs an deilbh, IIGA
Fo-thiotal an deilbh,

Tha Andrew Inkster (clì) a' gabhail thairis na cathrach bho Jörgen Pettersson gu h-eadar-amail

  • Air fhoillseachadh

Dh'innis Comann Gheamannan nan Eilean (IIGA) gu bheil an iar-chathraiche Andrew Inkster à Sealtainn a' gabhail thairis mar chathraiche na buidhne gu h-eadar-amail an dèidh do Jörgen Pettersson à Åland an dreuchd a leigeil seachad.

Tha Mgr Pettersson air a bhith na chathraiche air IIGA bho 2007, ach chaidh a thaghadh a-niste mar labhraiche Pàrlamaid Åland.

Bha Andrew Inkster an sàs ann an cur air dòigh farpais losgaidh chalman crèadha aig Geamannan nan Eilean ann an Sealtainn ann an 2005.

Bha e fhèin a' farpais san spòrs aig geamannan Rhodes ann an 2007, agus a' bhliadhna an dèidh sin chaidh a thaghadh mar chathraiche Chomann Gheamannan Sealtainn.

Chaidh e na bhall de Chomataidh Ghnìomh IIGA aig geamannan Jersey ann an 2015, agus ghabh e thairis mar iar-chathraiche aig geamannan Guernsey an-uiridh.

A' fàgail a dhreuchd, thuirt Jörgen Pettersson: "Tha mi a' leigeil dhìom mo dhreuchd leis gun deach mo thaghadh o chionn ghoirid mar labhraiche Pàrlamaid Åland - urram mòr uabhasach, a ged a tha dùbhlain agus uallaichean mòra na chois," thuirt e.

"Cuingilichidh an dleastanas seo mo chomas cumail orm mar chathraiche IIGA."

Bha Pettersson a' farpais ann am volleyball aig Geamannan nan Eilean bhon chiad fharpais ann an 1985 ann an Eilean Mhanainn.

Tha e air a bhith air Comataidh Ghnìomha IIGA bho 1997, a' dol na chathraiche ann an 2007 aig geamannan Rhodes.

"Tha mi air a bhith air a' Chomataidh Ghnìomha o chionn ùine nach beag, a' mealtainn gach diog dheth, agus na geamannan uile.

"Ri linn an IIGA, agus còmhla ri mo cho-obraichean, tha mi air càirdeasan a dhèanamh air feadh an t-saoghail, 's air toileachas mòr fhaighinn, a thuilleadh air a bhith ag ionnsachadh mar a làimhsichinn dùbhlain ris nach robh dùil.

"Aig amannan doirbh is iom-fhillte, b' e toileachas agus sàsachadh a bu mhotha a bha na lùib.

"Còmhla, tha sinn air buaidh mhaireannach a thoirt, 's tha coltas math air an àm ri teachd."

Thug Andrew Inkster taing do Mhgr Pettersson.

"Bu mhath leam taing a thoirt do Jörgen Pettersson airson na chuir e ri IIGA thar bhliadhnaichean mòra, 's na chuir e ri a leasachadh mar chomann a tha a' seasamh gu làidir," thuirt e.

Choinnich Comataidh Ghnìomha IIGA anns na h-Eileanan Fàrach na bu thràithe den mhìos, far an do bhruidhinn iad mun tairgse airson Geamannan nan Eilean a chumail an sin ann an 2027.

Thèid an co-dhùnadh deireannach air an tairgse sin a dhèanamh leis na sgìrean eileanach aig coinneimh choitchinn bhliadhnail na buidhne ann an Arcaibh san Iuchar.

"Fhad 's a bha sinn a' tadhal air na h-Eileanan Fàrach, thug rianachd làidir spòrs Fàraich, agus an taic dhealasach a tha e a' faighinn bhon riaghaltas agus na comhairlean ionadail buaidh mhòr oirnn," thuirt e.

"Tha sinn misneachail gum faigh na h-Eileanan Fàrach seachdain spòrs air leth seachad, le ionadan cho math 's a tha san t-saoghal, gus sàr-aoigheachd a nì geamannan air am bi cuimhne."

Bidh Andrew Inkster na chathraiche eadara-amail gus an tèid cathraiche làn-ùine a thaghadh.