CnaG: "Feum air fòcas a chur air dùbhlain fìor mhòr na Gàidhlig"

Fo-thiotal a’ bhidio,

Ceannard Chomunn na Gàidhlig, Dòmhnall MacNèill, a' bruidhinn air Aithris na Maidne

  • Air fhoillseachadh

Sgrìobh Comunn na Gàidhlig gu gach ball ann am Pàrlamaid na h-Alba is iad ag ràdh gu bheil a' Ghàidhlig ann an suidheachadh èiginn is feum air gnìomh is buidseatan nas motha sa bhad.

Dh'innis CnaG gun robh iad air sgrìobhadh gu na buill air fad leis gu bheil cothrom aca uile buaidh a thoirt air Bile nan Cànanan Albannach, taobh a-muigh, a tha a' dol tron Phàrlamaid an-dràsta.

An cois na litreach, chuir iad cuideachd freagairt na buidhne do cho-chomhairle Comataidh an Fhoghlaim, na Cloinne is nan Daoine Òga air a' bhile, taobh a-muigh.

Anns an fhreagairt sin, bha CnaG air a ràdh gu bheil a' Ghàidhlig fhathast ann an suidheachadh glè chugallach a dh'aindeoin 40 bliadhna de dh'FtMG, nach eil targaidean soilleir no àrd-amasach air a bhith ann a thaobh a' chànain, air neo slatan-tomhais èifeachdach 'son measadh a dhèanamh air suidheachadh na Gàidhlig.

Thuirt iad cuideachd san fhreagairt gu bheil feum air gnìomh an-dràsta le targaidean soilleir is airgead gu leòr air an cùl.

San litir ùr gu buill Holyrood, thuirt ceannard CnaG, Dòmhnall MacNèill, gun robh leisg air briathrachas làidir a chleachdadh ach gu bheil feum a-nise air cainnt "dhìreach is onarach gus fòcas a chur air cho fìor mhòr 's a tha na dùbhlain" a tha mu choinneimh na Gàidhlig.

Thog Mgr MacNèill gu sònraichte air buidseatan.

Thuirt e gun do dh'fhàs buidseat Riaghaltas na h-Alba eadar 2007/08 is 2024/25 bho £27.9bn gu £59.7bn, ach aig an dearbh àm gun do thuit buidseat Bhòrd na Gàidhlig bho £5.49m gu £5.18m.

Thuirt e mar sin gun deach buidseat an Riaghaltais an-àirde 114%, fhad 's a bha gearadh 45-50% ann an da-rìribh ann am buidseat na Gàidhlig.

Tha CnaG ag ràdh gu bheil seo "doirbh a thuigsinn".

"Dh'fhaodadh tu coimhead ris agus co-dhùnadh a dhèanamh - gu mì-fhortanach - nach robh Riaghaltas is Pàrlamaid na h-Alba a' faireachdainn làidir gu leòr mun Ghàidhlig airson a dhol an sàs ann an suidheachadh a' chànain san là a th' ann agus san àm ri teachd," sgrìobh Mgr MacNèill.

"Tha sinn ag iarraidh oirbh cothrom a ghabhail gus sin atharrachadh," thuirt e.

Tha CnaG ag ràdh cuideachd gur dòcha gun cuireadh reachdas ùr ri leasachadh na Gàidhlig ach nach eil feum air 'son na gnìomhan a tha a dhìth a chur air adhart.

Thuirt iad gun gabhadh sin dèanamh tro cheannas is taic phoilitigeach is buidseatan ceart a thoirt do na buidhnean a th' ann.

Tha iad ag ràdh ge-tà, gu bheil feum air reachdas ùr a thaobh FtMG.

Thog iad air co-chomhairle ùr Comhairle Earra-Ghàidheal is Bhòid mu sgoil Ghàidhig a stèidheachadh san sgìre.

Tha luchd-iomairt mar-thà air dragh a thogail an t-seachdain seo mun cho-chomhairle sin, is iad ag ràdh am measg eile nach eil fiosrachadh sam bith ann mu bhuannachdan sgoiltean Gàidhlig fa leth.

Tùs an deilbh, PA

Thuirt Comhairle Earra-Ghàidheal is Bhòid gu bheil iad a' dol a dh'obrachadh le Bòrd na Gàidhlig agus daoine eile aig a bheil ùidh anns a' ghnothach - pàrantan agus riochdairean phàrantan nam measg.

San litir aca gu buill na Pàrlamaid, tha CnaG ag ràdh gu bheil a' cho-chomhairle "neo-shoilleir".

Thuirt iad gum faodadh a' Chomhairle fhèin a ràdh gu bheil iad a' leantainn stiùireadh bho Riaghaltas na h-Alba, ach gum faodar cuideachd coimhead ris is co-dhùnadh a dhèanamh gu bheil a' Chomhairle a' cur dàil air cùisean a dh'aona-gnothach, nach eil iad ag èisteachd ri iarrtas bho phàrantan, is gu bheil iad fiù 's a' feuchainn ri beachdan an aghaidh na Gàidhlig a phiobrachadh.

"Ma 's e 's gur e seo dol a-mach ùghdarrais a tha "taiceil" ris a' Ghàidhlig, tha e a' sealltainn gu bheil cruaidh-fheum air reachdas gus dèanamh cinnteach gun tèid Foghlam tro Mheadhan na Gàidhlig a thoirt seachad mar bu chòir", tha Mgr MacNèill ag ràdh.

"'Son cus ro fhada bha aig pàrantan ri strì mhòr a dhèanamh ri ùghdarrasan nach eil taiceil gus FtMG fhaighinn. Feumaidh seo atharrachadh."

Tha an litir a' tighinn gu ceann le iarrtas bho ChnaG dha buill Holyrood a bhith a' dol an sàs ann an suidheachadh na Gàidhlig anns na pàrtaidhean aca fhèin agus air feadh na Pàrlamaid.

Tha CnaG ag ràdh gum bu chòir do bhuill cuideachd conaltradh a dhèanamh leis a' choimhearsnachd Ghàidlig agus coiteachadh a dhèanamh 'son buidseat Bhòrd na Gàidhlig àrdachadh.