Article: published on 23 An Giblean 2024

Fo-thiotal a’ bhidio,

Chaochail Fergie Dòmhnallach aig aois 86, là gann air 87.

Fergie Dòmhnallach MBE, 1938 - 2024

  • Air fhoillseachadh

Fear a bha le stocainnean dearga daonnan ma chasan, agus còir crùn "A' Chèilidh King" a bhith ma cheann, tha an ceòladair ainmeil Gàidhealach Fergie Dòmhnallach air bàsachadh aois 86.

Ged is ann ann an Glaschu a rugadh Fergie Dòmhnallach ann an 1938, ’s e fear de mhuinntir Loch Abair a bh’ ann gu smior – Abrach agus Mùideartach, a thogadh air croit ann an sgìre Mhùideirt, le fìor thogail dùthchail agus Gàidhealach a fhuair e.

Le athair tric a’ falbh le slat is gunna a shealg airson biadh a chur air a’ bhòrd, lean an comas seo gu Fergie fhèin is e uair ann an sgioba eadar-nàiseanta na h-Alba airson losgadh chalman crèadha.

Ach ’s e ceòl a bu mhotha a bha a’ cunntadh dha Fergie. Ceòl cèilidh agus ceòl a’ bhogsa is e air a bheò-ghlacadh le bhith ag èisteachd ris an leithid Jimmy Shand agus Bobby MacLeòid air an rèidio.

Bhiodh e cuideachd a’ dol a-mach gu dannsaichean far an cluinneadh e gaisgich-chiùil na sgìre leithid Fhearchair MhicRath.

Tùs an deilbh, Iain Macmaster Collection/Acharacle In The Past
Fo-thiotal an deilbh,

Fergie is na stocainnean dearga ainmeil. An seo còmhla ri Iain MacMhaighstir agus Donnie MacGilleFhaolain.

An dèidh dha strì ri bogsa-piàna na òige, rinn e dealachadh bhuaithe is rinn e pòsadh gaolach eadar e fhèin agus am bogsa-phutan - dàimh a mhair fad a bheatha. Nam faiceadh duine Fergie às aonais a bhogsa bha fhios aca gun robh rudeigin ceàrr.

Is e a’ cosnadh cliù dha fhèin, cha b’ fhada gus an robh e a’ cluich timcheall na sgìre, agus fhuair e fìor urram dha-rìribh – is e fhathast anns an sgoil - nuair a chuir Fearchar MacRath fhèin fios air a chluich maille ris aig dannsa ann an Gleann Ùige.

Ach, ’s ann nuair a dh’fhàg e Loch Abar airson a dhol a Ghlaschu, agus e a’ trèanadh a bhith na physiotherapist, a thàinig piseach mòr air cliù Fergie mar cheòladair, is e a’ cluich Oidhche Shathairne aig Institiud nan Gàidheal sa bhaile mhòr.

Ràinig Fergie mullach "hit-parade" na h-Alba ann an 1966 leis a’ chlàr shingilte "Loch Maree Islands" - òran a bha Gàidheal eile, Coinneach MacCoinnich, nach maireann, à Poll Iù, air a sgrìobhadh.

Òran is port cho ainmeil ri fear sam bith am measg nan Gàidheal bhon uair sin, le grunn luchd-ciùil air an dreach fhèin a chur air a’ phort thar nam bliadhnaichean bho Chalum Ceanadach gu Peat and Deisel.

Tùs an deilbh, Ùisdean MacIllinnein

Còrr is 50 bliadhna bhon sin, agus e an dèidh 50 clàr-ciùil a chur a-mach fo ainm, bha Fergie fhathast cho cliùiteach is a bha e a-riamh, is e tric a’ cluich air Take the Floor air Radio Alba le a charaid Robbie Shepherd, agus e fhathast a’ lìonadh nan tallaichean agus a’ cluich aig aois 85 aig cèilidh na Bliadhn’ Ùire air a’ BhBC an 2022 leis an leithid Ailein MhicEanraig, Iain MhicPhàrlain, agus Iain MhicIllMhìcheil.

B' ann an 2022 cuideachd a chaidh MBE a bhuileachadh air aig seirbheis phrìobhaidich aig Taigh-cluiche Eden Court ann an Inbhir Nis, mus do nochd e fhèin air an àrd-ùrlar san taigh-chluiche air an dearbh oidhche.

“Sin cridhe Fergie, am bogsa. Bheir bhuaithe am bogsa, agus chan e an aon duine a bh’ ann ann an dòigh,” thuirt Ùisdean MacIllinnein, a bha na dhlùth-charaid dha.

Chan e nach robh cruaidh-chàs aig Fergie ri dhol troimhe. Tha e coltach gun robh e cho gagach na òige, agus is gann gum b’ urrainn dha còmhradh a chumail.

Thuirt e fhèin gur e a thòisich e ach aon oidhche is e ri Ùrnaigh an Tighearna, leis an teaghlach air a bhith a’ gabhail an Leabhair. Ged a thàinig piseach mòr air, cha d’ fhuair e buileach cuidhteas an gag gu bràth.

'S e fear teaghlaich a bh' ann am Fergie cuideachd. Bha e pòsta aig Maureen is triùir cloinne aca, John, Morven Anne agus Angie.

Tùs an deilbh, Ùisdean MacIllinnein

Ach, ’s e an rud a bu mhotha a chuir a bheatha tuathail, ach nuair a fhuair an deoch grèim air – agus ’s ann a bha Fergie fo smachd na dibhe fad bhliadhnaichean mòra.

Chaidh e chun na h-ìre is gun do dhealaich a bhean ris, agus gun deach a chead-dràibhidh - agus mar sin, cothrom air cosnadh ceart a dhèanamh – a thoirt bhuaithe. “Chaill mi meall” a thuirt e fhèin mun àm.

Aon oidhche bho chionn deich air fhichead bliadhna is e a’ tighinn dhachaigh le botal uisge-bheatha na chois, mar a bu dual dha, stad e, sheall e ris a' bhotal, dh’fhosgail e e, agus chuir e air a cheann e, a’ dòrtadh a-mach a h-uile boinneag a bha na bhroinn. Cha deach gin a bhoinneag na bheul bhon uair sin.

Fo-thiotal an deilbh,

Chaidh MBE a bhuileachadh air Fergie ann an 2022.

Lasgan de Ghàire

Fear de na rudan as trice a chanadh daoine 's iad a' smaoineachadh air Fergie, 's e an gàire aige.

“Cha do dh’fhàg mise Fergie riamh gun gàire orm, dh’fheumainn sin a ràdh,” thuirt Ùisdean MacIllinnein.

“Cha robh e gu diofar cuin a bha sinn a’ coinneachadh, no càite an robh sinn a’ coinneachadh.

“Bhiomaid a’ bruidhinn mu dheidhinn iomadach rud a bha ‘s dòcha cudromach na dhòigh fhèin, no trom, no droch naidheachd no siud, seo ‘s an ath rud.

“Ach bhiomaid an-còmhnaidh a’ fàgail a chèile le gàire.

“Bhiodh an-còmhnaidh rudeigin aige a bhiodh a’ toirt gàire ormsa, no chanainnsa rudeigin ‘s dhèanadh e lasgan de ghàire an uair sin.

“Fergie a’ gàireachdainn. Cha robh cus coltach ri sin anns an t-saoghal agamsa gu lèir,” thuirt e.

Tùs an deilbh, Ùisdean MacIllinnein

Dìleab

Dh'fhàg Fergie dìleab aig diofar ìrean do dhiofar dhaoine.

Do mhuinntir na sgìre aige fhèin, b' e gaisgeach a bh' ann, a thuilleadh air duine a thug dhaibh cuimhnichean agus ceòl a mhaireas.

Do shaoghal a' chiùil thraidiseanta, thug e cruth-atharrachadh air mar a bha e ga chluich.

“Rud a bha Fergie a’ dèanamh leis a’ cheòl aige, ged a bha e a’ cluich ann an còmhlan airson dannsadh, cha robh e a’ leantainn nan riaghailtean mar gum biodh," thuirt Ingrid NicEanraig, a bha eòlach air bho h-òige.

“Gu h-àraidh a’ smaointinn mu dheidhinn bliadhnaichean air ais nuair a bha daoine a’ cluich ann an seòrsa aon dòigh – cha robh Fergie a’ dèanamh sin idir idir.

“Bha e a’ cluich ciùil às an sgìre againn fhìn, a’ Ghàidhealtachd an Iar, agus bha blas diofraichte aige.

“Bha e a’ cleachdadh banjo anns a’ chòmhlan aige, ‘s tòrr stuth diofraichte.

“Mar as trice cha robh e a’ dèanamh an dàrna bogsa mar a bha tòrr dhaoine eile a’ dèanamh, bha e a’ cleachdadh na pìoba, bha e a’ cluich ceòl na pìoba, agus cha robh còmhlain eile a’ dèanamh sin idir idir.

“Tha e gu math nàdarra a-nise. Tha sinne a’ dèanamh sin a-nise. Ach cha robh còmhlain aig an àm sin.

“Cha robh e gu diofar dè bha e a’ dèanamh, bha e a’ dèanamh an stoidhle aige fhèin – ach gu h-àraidh leis a’ cheòl aige," thuirt i.

Bidh Ùisdean MacIllinnein a' cuimhneachadh air a charaid mar fhìor charactair Ghàidhealach.

“A thaobh dìleib, tha e pearsanta, tha e ceòlmhor, agus tha e dìreach eachdraidheil a thaobh cultar na Gàidhealtachd," thuirt Ùisdean.

“Spòrs, a h-uile càil – sealg – a h-uile càil, den sin. ‘S ann ainneamh, ainneamh a gheibh thu sin gu follaiseach ann an aon neach, agus bha e againn ann am Fergie.

“Sàr-Ghàidheal, gaisgeach, sàr-charaid, agus duine cho coibhneil ‘s a chuir cas am bròig.”