Drama ùr Gàidhlig ag amas air margaidh eadar-nàiseanta

An t-Eilean
Fo-thiotal an deilbh,

Tha fiolmadh air tòiseachadh an t-seachdain seo

  • Air fhoillseachadh

Tha ceannardan craolaidh na Gàidhlig ag ràdh gu bheilear ag amas air margaidh eadar-nàiseanta leis an dràma ùr telebhisein aca, is gu bheil cothrom ann an cànan a thaisbeanadh air feadh an t-saoghail.

Chuir iad cuideachd dìon air cosgais an dràma.

'S e An t-Eilean an t-sreath dràma Ghàidhlig as motha ann an eachdraidh a’ chraoladair is cosgaidh e £4m.

'S e gu dearbh an dràma Gàidhlig as motha bho Ghruth is Uachdar, a bha air a dhèanamh dhan BhBC mus deach BBC ALBA a stèidheachadh.

Tha An t-Eilean stèidhichte timcheall air murt is 's e Caisteal Amhainnsuidhe ann an ceann a tuath na Hearadh a' phrìomh làrach.

Dh'fhoillsich am BBC fiosrachadh Diardaoin mu na cleasaichean a bhios a' nochdadh ann is fiolmadh air tòiseachadh an t-seachdain seo.

'S i Sorcha Groundsell a bhios a' cleas a' phrìomh charactair, is Iain MacRath is Elspeth Turner am measg an fheadhainn eile a tha a' nochdadh ann.

Tha cuid air ceistean a thogail mun chosgais, gu h-àraidh aig àm nuair a tha airgead na Gàidhlig is an sporan poblach san fharsaingeachd gann.

Fo-thiotal an deilbh,

'S e Caisteal Amhainnsuidhe prìomh làrach an dràma

Ach tha ceannardan craolaidh na Gàidhlig a' dol às àicheadh sin.

"Tha buidseat mòr mu choinneimh An t-Eilean ach chan eil an t-airgead a tha sinne a' cosg, chan eil e ach an aon suim 's a bha sinn a' cosg air dràma ron seo," thuirt Ceannard Roinn na Gàidhlig aig a' BhBC, Mairead Màiri Mhoireach.

"Tha £3m den airgead air a thogail à tobraichean ionmhais eile agus 's e rud mòr a tha sin. Tha a' chompanaidh a tha air cùl an riochdachaidh a tha seo, tha iad air togail suim gu math, gu math mòr de dh'airgead.

"A thaobh airgead na Gàidhlig agus ionmhas MG ALBA, 's e an aon suim airgid a tha sinn a' cosg air dràma 's a tha sinn air a bhith a' cosg thairis air na pròiseactan mu dheireadh a rinn sinn thairis air an ochd no naoi bliadhnaichean a chaidh seachad".

Tha a' Bh-Ph Mhoireach ag ràdh cuideachd gu bheil luach an airgid ann le cothrom air buannachdan mòra dhan Ghàidhlig.

"Tha pròiseactan dràma a' dèanamh obair gu math eadar-dhealaichte a thaobh a bhith a' taisbeanadh cànain, an dà chuid a' taisbeanadh ar cànain ann an riochd air leth làidir agus amasach nar dùthaich fhèin agus nar cànan fhèin, ach cuideachd air feadh an t-saoghail.

"Tha cothrom tro fo-thiotalan na sgeulachdan a tha seo fhaicinn ann an dùtchannan air feadh an t-saoghail," thuirt i.

Fo-thiotal an deilbh,

Tha am BBC is MG ALBA ag obair ann an co-bhanntachd le Black Camel Pictures is All3Media International air a' phròiseact.

Dh'innis àrd-oifigear MG ALBA gur e slighe ùr a tha seo do chraoladh na Gàidhlig.

Thuirt Dòmhnall Caimbeul ge-tà, gu bheil craoladairean Cuimreach mar-thà air soirbheachadh san dòigh seo.

Tha e ag ag ràdh gu bheil cothrom aig craoladh na Gàidhlig a bhith a cheart cho soirbheachail.

"Airson a' chiad uair riamh tha companaidhean coimeirsealta a' tighinn a-steach san dràma seo agus tha iadsan a' cur airgead mòr a-staigh ann," mhìnich Mgr Caimbeul.

"'S e an dòchas agus an dùil a th' acasan, 's e gu bheil dràma Gàidhlig comasach air sgillinn airgid a thoirt air ais dhaibh aig a' cheann thall.

"'S e slighe a tha sin a tha sinn airson fheuchainn agus bha sinn 'son faicinn càite an lean sin.

"Tha e air tachairt sa Chuimrigh far a bheil dà dhràma mòr air a dhèanamh sa Chuimris.

"Chan eil sinn a' faicinn adhbhar sam bith carson nach biodh dràma Gàidhlig a cheart cho comasach air a bhith soirbheachail air feadh na dùthcha agus thall-thairis," thuirt e.

Fo-thiotal an deilbh,

Steve Carson, Stiùriche, BBC Scotland; Iain Moireasdan, Cathraiche MG ALBA; Mairead Màiri Mhoireach, Ceannard Roinn na Gàidhlig, BBC Scotland; Tim Davie, Àrd-stiùiriche a' BhBC; is Dòmhnall Caimbeul, Àrd-stiùiriche MG ALBA.

Bha àrd-stiùiriche a' BhBC, Tim Davie, ann an Caisteal Amhainnsuidhe Dihaoine is e a' tadhal air fiolmadh an dràma.

Ghabh Mgr Davie an cothrom cuideachd coinneachadh ri ceannardan craolaidh na Gàidhlig is iad a' bruidhinn air ùrachadh a dhèanamh air a' chàirdeas eadar am BBC is MG ALBA.

Thuirt Mgr Davie gu bheil an co-obrachadh air feum mòr a dhèanamh dha na meadhanan Gàidhlig is gun tèid togail air sin anns na bliadhnaichean ri tighinn.

Tha dùil ris An t-Eilean air sgrìon an ath-bhliadhna.