Na Leòdhasaich air ais aig an taigh

Camanachd LeòdhaisTùs an deilbh, Camanachd Leòdhais
  • Air fhoillseachadh

'S e là mòr a th' ann an seusan Camanachd Leòdhais Disathairne is iad a' cluich aig an taigh 'son a' chiad turas am-bliadhna.

Feumaidh na Leòdhasaich a h-uile seusan a thòiseachadh le sreath gheamaichean air an rathad.

Tha maill air a dhol orra am-bliadhna le droch shìde air geamaichean a chur dheth is tha mìos ann bho chluich iad mu dheireadh.

Bidh dùil ri sluagh math ann an Siabost Disathairne is Ceann Loch Seile a' tighinn a chèilidh ann an Cupa Shrath Èirinn.

Dh'innis Camanachd Leòdhais gu bheil dàimh shònraichte eadar na clubaichean, taobh a-muigh às dèidh mar a chluich iad san eilean air 1mh den Fhaoilleach 2019 'son comharrachadh 100 bliadhna bho chall na h-Iolaire.

Fo-thiotal a’ bhidio,

Nuair a chluich na Leòdhasaich is Ceann Loch Seile gus call na h-Iolaire a chomharrachadh.

Bidh dùil ri geama doirbh Disathairne is Seile lìog nas àirde na Camanachd Leodhàis is iad air ochd tadhail a chur seachad air Gleann Urchadain an t-seachdain seo chaidh.

Tha Alasdair MacLaomainn a dhìth air na Leòdhasaich ach a thuilleadh air sin bidh buidheann làidir aca.

Thuirt Camanachd Leòdhais gun robh an taic a fhuair iad ann an Siabost an-uiridh glè chudromach a thaobh cho math 's a bha an seusan aca.

Dh'iarr iad air daoine tighinn a-mach 'son taic a thoirt dhaibh anns na mìosan ri tighinn.

Tòisichidh an geama Disathairne aig 2.30f.