Plana ga iarraidh 'son Sgeama nan Oifigearan Gàidhlig an 2024/25

Pàrlamaid na h-AlbaTùs an deilbh, PA
  • Air fhoillseachadh

Dh'innis Rùnaire an Fhoghlaim gu bheil Riaghaltas na h-Alba air iarraidh air Bòrd na Gàidhlig plana ullachadh air mar a dh'obraicheas Sgeama nan Oifigearan Gàidhlig ann an 2024/25.

Cha do nochd fiosrachadh mu shuidheachadh an sgeama san ùine fhada.

Bha Jenny Gilruth a' freagairt ceist aig Holyrood feasgar Dhiardaoin bho BPA nan Eilean Siar, Alasdair Allan.

Bha Mgr Allan air mìneachadh iarraidh air planaichean an Riaghaltais is Bòrd na Gàidhlig "gus Sgeama nan Oifigearan Gàidhlig a ghlèidheadh san ùine fhada".

Bha connspaid mhòr ann às dèidh dha tighinn am follais sa Ghearran gun rachadh an sgeama à bith mar phàirt de ghearradh ann am buidseat Bhòrd na Gàidhlig.

Dh'innis Riaghaltas na h-Alba aig toiseach a' Ghiblein gum biodh an sgeama air a shàbhaladh le taic £175,000 sa chiad dol a-mach.

Thuirt iad cuideachd gun robh iad air iarraidh air Bòrd na Gàidhlig sgrùdadh a dhèanamh air an sgeama is plana ullachadh airson mar a dh’obraicheadh e gu seasmhach san àm ri teachd.

Fo-thiotal a’ bhidio,

Jenny Gilruth a' freagairt cheistean Alasdair Allan.

Cha tàinig mòran soillearachaidh a bharrachd nuair a chuir Mgr Allan a' cheist air adhart Diardaoin.

Thuirt Jenny Gilruth gu bheil an Riaghaltas ag aithneachadh cho cudromach 's a tha Sgeama nan Oifigearan Gàidhlig is gun deach £175,000 fhoillseachadh 'son a chumail a' dol, a dh'aindeoin is gu bheil iad ann an suidheachadh ionmhais gu math duilich.

Dh'innis i gun deach iarraidh air Bòrd na Gàidhlig ath-sgrùdadh a dhèanamh air an sgeama is plana a dheasachadh airson a ruith ann an 2024/25.

Tha am BBC a' feitheamh beachd bho Bhòrd na Gàidhlig.

Dh'fhaighnich Alasdair Allan cuideachd dè as urrainn dhan Riaghaltas dèanamh gus iomairtean mar Spòrs Gàidhlig a chumail a' dol.

Thuirt Rùnaire an Fhoghlaim gun do chuir an Riaghaltas dìon air buidseat na Gàidhlig is gu bheil iad a' cumail taic ri lìonra de bhuidhnean is iomairtean Gàidhlig, Spòrs Gàidhlig nam measg.

Thuirt i gu bheil Riaghaltas na h-Alba a' conaltradh le buidhnean Gàidhlig a tha a' cumail taic ri daoine òga taobh a-muigh na sgoile.