Modail aiseig Nirribhidh "mòran nas fheàrr"

An t-Òban
  • Air fhoillseachadh

Tha eòlaiche aiseig ag ràdh gum bu chòir do sheirbheisean aiseig an taobh siar gluasad gu modail ùr.

Dh'iarr Roy Pedersen modail stèidhichte air na th' aca ann an Nirrbhidh.

Nochd Mgr Pedersen, a bha roimhe a' toirt comhairle do Riaghaltas na h-Alba mu sheirbheisean aiseig, a bheachd mar phàirt de cho-chomhairle air Plana Ceangalaichean nan Eilean, taobh a-muigh.

Tha e ag ràdh nach eil mòran ùr sa phlana aig an ìre seo.

Thuirt e gum biodh slighean nas giorra, seòlaidhean a bharrachd, agus soithichean a ghabhadh barrachd charbadan am measg nan rudan a bheireadh piseach air an t-seirbheis a th'ann.

"'S e feallsanachd na Nirrbhidh gum bi bàtaichean sìmplidh ann le criutha beag a tha a' fuireach air tìr, air na slighean as giorra a ghabhas, is a' seòladh tric bho mhoch gu dubh.

"Tha e ag obair glè mhath dhaibh. Tha cosgaisean nas lugha a' tuiteam air luchd-pàighidh nan cìsean agus tha coimhearsnachdan a' faighinn seirbheis nas fheàrr".

Thuirt Mgr Pedersen gu bheil Comhairle Shealtainn mar-thà air modail mar seo a chur an sàs.

Tha e ag ràdh gun obraicheadh e cuideachd air a' chosta an iar.

"Mar eisimpleir airson Ìle is Diùra, tha bàta-aiseig a' dol timcheall air dà uair gach là eadar tìr-mòr is Ìle.

"Ach carson nach biodh slighe ghoirid ann eadar tìr-mòr is Diùra is an uair sin rathad, agus aiseag goirid eile gu Ìle?", thuirt e.

Fo-thiotal a’ bhidio,

Roy Pedersen a' mìneachadh a chuid phlanaichean do Dhoneil MacLeòid.

Dh'innis Mgr Pedersen cuideachd gu bheil slighean fa leth ann an Niribhidh a' dol a-mach gu tairgse is gur ann leis na companaidhean fhèin a tha bàtaichean.

Thuirt e gum biodh "sàbhalaidhean mòra" ann dhan sporan phoblach nan rachadh modail coltach ri seo a chur an sàs ann an Alba.

Tha Mgr Pedersen ag ràdh gum biodh am plana aige le slighean nas giorra cuideachd nas fheàrr dhan àrainneachd.

A thuilleadh air sin, thog e air siostam nan aiseagan ann an Alba le grunn bhuidhnean an sàs.

Tha an siostam sin "ceàrr", tha e a' cumail a-mach.

Thuirt e gu bheil coltas ann gu bheil "eagal" ann coimhead air dòighean eile ach gu bheil cruaidh fheum air beachdan "radaigeach" ma tha adhartas gu bhith ann.

Tha Riaghaltas na h-Alba ag ràdh gun deach còrr is £2bn a chosg air seirbheisean aiseig bho 2007 is gu bheil dùil ri sia bàtaichean mòra ùra ro 2026.

Thuirt iad gum beachdaich iad air freagairt Mhgr Pedersen cuide ris an fheadhainn eile a thig bhon cho-chomhairle.

Dùinidh a' cho-chomhairle air an 3mh den Chèitean.