Am Baile Sear: 'Chan e cabhsair ùr, ach cabhsair sàbhailte a tha a dhìth'

Cabhsair a' Bhaile ShearTùs an deilbh, M J Richardson/Geograph
  • Air fhoillseachadh

Choinnich muinntir a' Bhaile Shear ann an Uibhist ri comhairlichean 's iad ag iarraidh gun tèid leasachadh a thoirt air a' chabhsair eadar an t-eilean agus Uibhist a Tuath.

Bho chaidh an cabhsair a thogail ann an 1962 's e glè bheag de leasachadh a chaidh a dhèanamh air, agus tha creagan a chaidh ri cliathaich a' chabhsair ann an 2000 air tuiteam air falbh a' fàgail earrannan mòra dheth gun dìon.

Bidh an cabhsair cuideachd dùinte tric ri linn àirde an làin, agus bidh stuaghan mòra a' briseadh thairis air ann an stoirmean.

"Tha e doirbh faighinn tarsainn air a' chabhsair nuair a tha an làn àrd," thuirt Ann NicIllEathain, a tha na ball de bhuidhinn-iomairt a tha ag iarraidh leasachaidh air a' chabhsair.

"Chan eil e sàbhailte faighinn tarsainn.

"Tha e doirbh airson luchd-cùraim fhaighinn gu muinntir a' Bhaile Shear.

"Nursaichean, luchd-cùraim, tòrr de dh'obraichean. Chan eil e furasta faighinn gu obair, 's tha sin a' dèanamh chùisean doirbh airson seirbheisean sna h-eileanan air fad," thuirt i.

Tùs an deilbh, Hugh Venables/Geograph

A' tadhal air na h-eileanan a deas Diardaoin, chaidh buill Chomhairle nan Eilean Siar a dh'fhaicinn a' chabhsair, agus choinnich iad ris an luchd-iomairt.

"Tha e math gu bheil sinn air faicinn a' chabhsair ann an cladach a' Bhaile Shear, agus gun deach a dhèanamh soilleir dhuinn na trioblaidean a th' ann leis a' chabhsair nuair a tha fìor dhroch shìde ann, nuair a tha an làn àrd agus cuideachd nuair a tha gaoth làidir ann," thuirt Fear-Gairm na Comhairle, Coinneach MacLeòid.

"'S gum faodadh an cabhsair a bhith dùinte air sgàth 's an droch shìde 's dèanamh cinnteach nach bi beatha dhuine sam bith ann an cunnart," thuirt e.

Tha a' Chomhairle air feuchainn ri airgead fhaighinn airson an suidheachadh a leasachadh roimhe.

"Chaidh tagradh a dhèanamh ron seo gu Levelling Up aig Riaghaltas Lunnainn, ach gu mì-fhortanach cha d' fhuair sinn càil airson a' chabhsair seo, agus bhiodh sinn an dòchas gum biodh 's dòcha cothroman eile ann airson feuchainn ri tuilleadh airgid fhaighinn airson a' chabhsair seo agus airson chabhsairean eile air feadh nan eilean," thuirt Mgr MacLeòid.

Chan e cabhsair ùr a tha a dhìth air an luchd-iomairt, ach fear a tha sàbhailte, a rèir Ann NicIllEathain.

"Tha sinn a' coimhead airson rudeigin a tha nas sàbhailte," thuirt i.

"Chan eil sinn ag iarraidh rudeigin ùr, dìreach rudeigin a tha nas sàbhailte.

"An cabhsair a tha an seo an-dràsta, dìreach rudeigin nas àirde, nas fharsainge," thuirt i.

Chan eil an t-airgead ri fhaotainn fhathast ge-tà, airson an cabhsair a leasachadh.

"Chan e cabhsair a' Bhaile Shear an aon chabhsair far am feumar coimhead ris, gus far am feumar coimhead riutha ann an aithghearrachd," thuirt Mgr MacLeòid.

"Chan urrainn dhuinn feitheamh bliadhnaichean gun càil a dhèanamh - feumaidh sinn coimhead ri rudeigin a dhèanamh gu math luath.

"Ach 's e cnag na cùise feumaidh sinn ionmhas a lorg airson an obair a tha seo a dhèanamh.

"Chan urrainn dhuinn a bhith a' glasadh dheth bhailtean nuair a tha droch shìde a' tighinn dhà no trì thurais anns a' bhliadhna.

"Feumaidh sinn dèanamh cinnteach gu bheil cothroman aig a h-uile duine faighinn bho an dachaigh gu às b' i cà bheil iad a' dol a h-uile là sa bhliadhna a dh'aindeoin dè cho dona 's a tha an t-sìde."