Naidheachdan 11:00m

Fo-thiotal a’ bhidio,

Naidheachdan 11:00m

  • Air fhoillseachadh

Humza Yousaf

Thuirt ceannard an SNP ann an Westminster, Stephen Flynn, gun seas e gualain ri gualain ri Humza Yousaf agus e a' strì 'son fuireach ann an dreuchd Prìomh Mhinistear na h-Alba. Tha dùil ri bhòt cion-earbsa ann am Pàrlamaid na h-Alba an dèidh do Mhgr Yousaf cur às dhan aonta riaghlaidh a bha aig na Nàiseantaich leis a' Phàrtaidh Uaine. Tha a h-uile coltas ann gum bi e a' crochadh air taic bho Ash Regan - a sheas na aghaidh airson ceannas a' phàrtaidh agus a tha a-nis na ball dhan phàrtaidh Alba - airson a' bhòt a bhuannachadh.

Ionnsaigh

Chaidh nighean, 13, a chumail an grèim ann an ionad òigridh an dèidh dhi nochdadh ann an Cùirt nam Maighstearan Lagha ann an Llanelli 's i fo chasaid gun do dh'fheuch i ri triùir a mhurt aig sgoil ann an Carmarthenshire. Chaidh dithis thidsearan agus sgoilear a ghoirteachadh san ionnsaigh Diciadain. Chan urrainnear an nighean ainmeachadh air sgàth a h-aois. Tha dùil rithe ann an Cùirt a' Chrùin ann an Swansea air an t-27mh den Chèitean.

Aillse

Thòisich deuchainn san Rìoghachd Aonaichte airson a' chiad bhanachdach dhan aillse chreacainn as cunnartaiche a th' ann - melanoma - a tha pearsanta dhan neach a tha ga faighinn. Thuirt luchd-saidheans gur e adhartas mòr a tha seo. Tha an leigheas a' cleachdadh teicneolais mRNA airson toirt air a' bhothaig cur às dha na ceallan a tha a' dèanamh cron. Tha e cuideachd a' cur stad air na ceallan bho a bhith a' tilleadh.

Caolas Shasainn

Chaidh casaidean co-cheangailte ri eucoirean inimrich a chur às leth dithis fhireannach a thugar an grèim an dèidh do chòignear bàsachadh nuair dh'fheuch iad ri faighinn thar a' Chuain Shasannaich na bu thràithe air an t-seachdain. Tha dùil ri Yien Both a tha 22 agus à Sudan a Deas, agus Tajdeen Abdulaziz Juma, a tha cuideachd 22 agus à Sudan, ann an cùirt nam Maighstearan Lagha an-diugh.

Chaidh fireannach eile à Sudan a shaoradh air urras.

MI5

Thuirt ceannard na seirbheis tèarainteachd, MI5, gu bheil stàitean cèin ag amas air oilthighean Breàtananch gus tèarainteachd na Rìoghachd Aonaichte a lagachadh. Thug iad rabhadh an aghaidh oilthighean a bhith a' dèanamh aontaidhean le dùthchanan eile far a bheil rannsachadh ùr adhartach ga roinn eatorra.