Co-bhanntachd an SNP leis na h-Uainich seachad

Patrick Harvie, Humza Yousaf agus Lorna SlaterTùs an deilbh, TWITTER/REUTERS
Fo-thiotal an deilbh,

Patrick Harvie, Humza Yousaf agus Lorna Slater

  • Air fhoillseachadh

Dhearbh buill a' Phàrtaidh Uaine ann am Pàrlamaid na h-Alba nach cur iad taic ri Humza Yousaf ann am bhòt cion-earbsa sa Phrìomh Mhinistear.

Tha dùil ris a' bhòt - a chuir ceannard Thòraidhean na h-Alba Dùghlas Ros air adhart - an ath-sheachdain.

Às aonais taic nan Uaineach tha dùil gum bi toradh na bhòt glè fhaisg.

Dh'fhaodadh Ash Regan, a bha na ball SNP is a tha a-nise a' riochdachadh Pàrtaidh Alba, buaidh mhòr a thoirt air a' ghnothach.

Dh'innis co-cheannard nan Uaineach, Lorna Slater, gun deach iad ann an riaghaltas leis an SNP roimhe gus obrachadh còmhla air "prògram poileasaidh adhartach".

Thuirt i nach tug Humza Yousaf gealltanas seachad gun leanadh an SNP leis a' phrògram sin is an t-aonta eadar na pàrtaidhean a-nise air tighinn gu ceann.

"Mar sin, cuiridh buill Uaine taic ri bhòt cion-earbsa sa Phrìomh Mhinistear ma thig an gluasad air adhart anns na seachdainnean ri tighinn", thuirt i.

Tha iomadh adhbhar a chaidh mòr-chuid Humza Yousaf na sprùilleach an-diugh.

Ach b’ e am fàiligeadh air targaidean na gnàth-shìde a’ chlach mu dheireadh air a’ chàrn.

Cha b’ urrainn do Phàdraig Harvie agus Lorna Slater ballrachd a’ phàrtaidh aca a shocrachadh às dèidh don Riaghaltas gabhail ris nach deadh sgaoileadh carboin a lùghdachadh le 75% ro dheireadh na bliadhna 2030.

Mus robh cothrom aca bhòtadh air a’ chùis, ghluais Mgr Yousaf gus an t-aonta a rinn Nicola Sturgeon leis na h-Uainich a thoirt gu crìch.

Seo a’ chiad uair, mar sin, a leig prìomh mhinistear mòr-chuid seachad a dh’aona-gnothach.

Tha deagh adhbhar nach do thachair e roimhe.

A-nis feumaidh riaghaltas an SNP feuchainn ri cumail a’ dol mar bheag-chuid anns a’ Phàrlamaid, gun fhios am faigh iad càil troimhpe.

A dh’aindeoin sin, chuir cuid de na buill nàiseantach ris an do bhruidhinn mi madainn an-diugh – mar Cheit Fhoirbeis agus Fhearghas Ewing – fàilte air an naidheachd, ag ràdh gu bheil seo na chothrom don Riaghaltas tòiseachadh às ùr.

Ach 's e a’ chasaid an aghaidh Mhgr Yousaf a-nis, gur e ceannard lag a tha ann.

Tha luchd-taic a’ Phrìomh Mhinisteir a’ dol às àicheadh sin – ach 's e am beul a dh’innseas, an gnìomh a dhearbhas.

Bhiodh dùil ri gnìomhan a bharrachd a dh’aithghearr bho Mhgr Yousaf gus an t-àite aige a dhearbhadh.

Ach tha dùil cuideachd gum bi cothrom aig buill briatharan gu leòr a ràdh ann an bhòt cion-earbsa, cho luath ris an ath-sheachdain.

"Tighinn gu ceann"

Chaidh cur às don aonta-riaghlaidh eadar an SNP agus Pàrtaidh Uaine na h-Alba aig coinneimh shònraichte den Chaibineat madainn Diardaoin.

Tha seo an dèidh mar a rinneadh càineadh air co-dhùnadh Riaghaltas na h-Alba cur às do na targaidean àrainneachdail aca, agus an fhreagairt a thug iad do dh'ath-sgrùdadh air seirbheisean gnè.

Dhearbh Uainich na h-Alba air an t-seachdain seo chaidh gum bhòtadh am ballrachd air co-dhiù bu chòir dhan phàrtaidh fuireach san aonta-riaghlaidh leis an SNP.

Thuirt Pàdraig Harvie gun robh gnothaichean air "tighinn gu ceann", le buill a' phàrtaidh ag iarraidh deasbaid air mar a bu chòir gluasad air adhart.

Seo an dèidh do Rùnaire Chumhachd an SNP, Màiri NicAilein, innse nach gabhadh targaidean na h-Alba a bhith net-zero ro 2030 coileanadh.

Thuirt NHS na h-Alba cuideachd gun robh iad a' cur stad rè ùine air cungaidhean bacaidh inbhidheachd a thoirt do dhaoine nas òige na 18, an dèidh aithisg a rinn an Dr Hilary Cass.

Thuirt Mgr Harvie gun seasadh e sìos mar cho-cheannard nan Uaineach nam bhòtadh am pàrtaidh an t-aonta leis an SNP a thoirt gu ceann.

Dh'innis am Prìomh Mhinistear air thoiseach air a' choinneimh Chaibineit gun robh e a' cur luach anns an aonta riaghlaidh, air an robh Aonta Thaigh Bhòid, agus nach robh dùil aige gun tigeadh e gu crìch.