Bucaidh a-nise a' coimhead ri co-rèiteachadh

Bucaidh v Alloa
  • Air fhoillseachadh

Tha Buckie Thistle ag ràdh gu bheil iad a-nise a' beachdachadh air a dhol gu co-rèiteachadh às dèidh mar a chaidh innse dhaibh nach urrainn dhaibh cluich anns na play-offs 'son àite san SPFL.

Bhuannaich Bucaidh Lìog na Gàidhealtachd Disathairne seo chaidh is bha còir aca cluich an aghaidh Chille Bhrìghde an Ear thairis air dà gheama - Disathairne an 27mh den Ghiblean is Disathairne an 4mh den Chèitean - is an sgioba a dhèanadh a' chùis an uair sin an aghaidh na sgioba aig bonn an SPFL 'son àite ann an Lìog 2 an ath-sheusan.

Chaidh an ceòl air feadh na fìdhle Diardaoin nuair a dh'innis an SFA nach biodh cead aig Bucaidh cluich is e air faileachadh orra teisteanas fhaighinn 'son ballrachd san SPFL.

Chaidh innse gun rachadh Cille Bhrìghde an Ear dìreach air adhart dhan chuairt-dheireannaich.

Sgaoil Bucaidh brath, taobh a-muigh oidhche Dhiardaoin is iad ag ràdh gur e briseadh-dùil uabhasach a bha seo is iad a' dol às àicheadh cuid de na puingean a bh' aig an SFA is an SPFL.

Cha ghabh am post Facebook seo a shealltainn air a’ bhrabhsair agaibh. Ceadaichibh Javascript no feuchaibh brabhsair eile.Faicibh stuth tùsail air Facebook
Chan eil am BBC an urra ri na tha air Làraichean-lìn air an taobh a-muigh. Dh’fhaodadh sanasan a bhith an lùib stuth Facebook.
Leum thairis air facebook teachdaireachd le Buckie Thistle Football Club

Cead do stuth Facebook?

Tha stuth bho Facebook an lùib an artagail seo. Tha sinn a’ sireadh cead bhuat mus tèid dad a luchdachadh, thoireadh ‘s dòcha gun cleachd iad briosgaidean agus teicneòlas eile. Faodaidh tu na poileasaidhean aig Meta ‘son Facebook mu bhriosgaidean a leughadh, taobh a-muigh agus am poileasaidh prìobhaideachd aca, taobh a-muigh mus gabh thu ris. Airson coimhead air an stuth seo buail air ‘gabh ris agus lean air adhart’.

Chan eil am BBC an urra ri na tha air Làraichean-lìn air an taobh a-muigh. Dh’fhaodadh sanasan a bhith an lùib stuth Facebook.
Deireadh facebook teachdaireachd le Buckie Thistle Football Club

Bha a h-uile coltas ann ge-tà, gun robh iad air gabhail ris a' cho-dhùnadh.

Ach ann am brath ùr air na meadhanan-sòisealta feasgar Dihaoine, sgaoil Bucaidh fianais a tha iad ag ràdh a tha a' sealltainn gun robh an SFA air ùine a bharrachd a thoirt dhaibh.

Thuirt iad nach deach innse aig àm sam bith tron t-seachdain gun robh ceist mu choinneimh nan geamaichean play-off.

Tha iad ag ràdh gu bheil iad a-nise a' coimhead ri dhol gu co-rèiteachadh fo riaghailtean an SFA.

Gheall iad barrachd fiosrachaidh nuair a tha e aca.