Deireadh lìn air Linne Mhoireibh

Lìon ga chur à eathair ann an Linne MhoireibhTùs an deilbh, Urras Iasgaich Aibhnichean Nis is Fharrair
  • Air fhoillseachadh

Tha urras iasgaich air Ghàidhealtachd air còraichean iasgaich lìn faisg air beul Abhainn Nis a cheannach a-mach mar phàirt de dh'iomairt ghlèidhteachais bhradain.

Cheannaich Urras Iasgaich Aibhnichean Nis is Fharrair còraichean stèisean Pàirce na Mara, beagan an ear air stèideam Chaledonian Thistle Inbhir Nis.

Thuirt an t-urras gur e ceum mòr a th' ann a bhios na chuideachadh do dh'oidhirpean àireamhan a' bhradain a mheudachadh ann an aibhnichean a tha a' fosgladh air Linne Mhoireibh.

Chaidh lìon a chur on stèisean mu dheireadh ann an 2022.

Thuirt an t-urras gu bheil seo a' toirt air falbh "cunnart" bho iasgach coimeirsealta faisg air beul Abhainn Nis gu bràth.

Thuirt cathraiche an urrais, Niall Camshron, gu bheil an naidheachd a' toirt iomairt bhliadhnaichean gu crìch.

Cha deach innse dè an t-suim a chosg na còraichean iasgaich, ach thàinig maoineachadh bhon urras fhèin, Maoin Maith Choitchinn Inbhir Nis, Cluba Iasgaich-slaite Inbhir Nis, agus tabhartasan.

Tha an t-urras an dòchas gum fàg seo gur e cho beag 's a ghabhas de chall a nì mac-an-duine air àireamhan a' bhradain fhiadhaich san sgìre.