Fearg air tuathanaich mu chìs-oighreachd
Tha tòrr thuathanach air feadh na Rìoghachd Aonaichte feargach agus a' faireachdain gun deach an leigeil sìos, leis an t-Seansalair a' foillseachadh atharrachaidhean anns a' chìs-oighreachd.
Dh'innis Rachel Reeves anns a' bhuidseat Diciadain gun tèid am faochadh a gheibh daoine airson cìs-oighreachd air tuathanasan a chuingealachadh aig £1m.
Thuirt Rachel Reeves gun robh aca ri airgead a thogail ann an àiteigin.
Tha barrachd aig Stephen MacLeòid.