Sabhal Mòr Ostaig na phàirt de dh'Ionad airson Sàr-mhathais ann an Teagasg
Tha Rùnaire an Fhoghlaim Jenny Gilruth air dearbhadh gun tèid Sabhal Mòr Ostaig na 'Hub Gàidhlig' mar phàirt de dh' Ionad ùr Nàiseanta airson Sàr-mhathais ann an Teagasg.
Tha seo a' ciallachadh gum bi a' cholaiste an urra ri leasachadh is ionnsachadh proifeasanta do thidsearan air feadh na h-Alba a tha a' teagasg ann am foghlam tro mheadhan na Gàidhlig.
Tha an aithris seo aig Alasdair MacLeòid.