Obair-chàraidh air drochaid ainmeil Ghleann Fhionnainn
Tha e am measg nan drochaidean as ainmeile ann an Alba ach aig còrr is 120 bliadhna a dh'aois, tha drochaid-rèile Ghleann Fhionnainn feumach air obair-chàraidh.
Tha sgiobaidhean ròpa air a bhith ag obair an là 's a dh'oidhche gus structar na drochaide a neartachadh.
Tha iad air a bhith ag innse dhuinn mu na dùbhlain a bha mun coinneimh - a' mheanbh-chuileag nam measg.