Daibhearan an sàs san iomairt gus lorg fhaighinn air deugaire a tha a dhìth an Leòdhas

Chaidh sgioba de dhaibhearan an sàs anns an iomairt gus lorg fhaighinn air deugaire a tha air a bhith a dhìth ann an Leòdhas bho Dhiluain 's a chaidh.

Chaidh Aleksandr Benga, a tha 16 bliadhna, fhaicinn mu dheireadh sa Ghearradh Chruaidh air iomall Steòrnabhaigh.

Chuir oifigearan poilis a' mhadainn seachad san sgìre, a' ceasnachadh dhraibhearan agus luchd-coiseachd gun fhios nach fhaca iad sealladh dheth.

Tha Ailig John Moireasdan ag aithris.