Naidheachdan 11:00m
Dùn Èideann
Chaidh oifigear poilis a ghoirteachadh ann am buaireadh ann an sgìre Dhùn Èideann an-raoir. Chaidh briog a thilgeil air uinneag a' chàr anns an robh i. Chaidh ionnsaigh a thoirt air busaichean anns an sgìre cuideachd le briogaichean agus cleasan-teine. Chaidh gille, 14 bliadhna de dh'aois, a chur an grèim 's fo chasaidean eucoir le cleasan-teine an co-cheangal ris na thachair.
An Spàinn
Tha sgiobannan teasairginn anns an Spàinn a' strì gus seirbheisean riatanach a stèidheachadh a-rithist ann am Valencia às dèidh mar a rinn tuiltean mòra sgrios air an àite. Chaidh cha mhòr 160 duine a mharbhadh annta, agus tha an t-uabhas a dhìth fhathast. Tha na ceudan mhìltean cuideachd às aonais uisge an tapa t-sàilleibh an sgrios.
Florida
Tha na Poilis ann am Florida ag ràdh gun deach dithis a mharbhadh agus sianar a ghoirteachadh ann an ionnsaigh ghunna ann an Orlando. Tha dùil gun robh iad an làthair aig tachartas airson Oidhche Shamhna. Chaidh neach, 17, a chur an grèim às dèidh na h-ionnsaigh ann an uairean beaga na maidne.
An A9
Thuirt Rùnaire Còmhdhail na h-Alba gu bheil ministearan dha-rìribh a' cur romhpa gum bi obair-leasachaidh an A9 ullamh ron bhliadhna 2035. Bha Fiona Hyslop a' bruidhinn 's ceist ga togail am bi an t-airgead ann gus crìoch a chur air an obair fon cheann-ùine a tha sin. Tha Comataidh nan Athchuingean Poblach aig Holyrood ag ràdh cuideachd gur e eas-aonta agus mì-chinnt mu airgead a bu choireach gu ìre mhòir airson na dàil a th' air a bhith ann cheana.
Corp
Chaidh aithneachadh oifigeil a dhèanamh air a' chorp a chaidh fhaighinn anns a' Chuan Bharrach far chosta Bharraigh air an t-seachdain seo chaidh. Thathas an dùil gur e corp fireannaich a bh' ann a chaidh a dhìth às dèidh dha a dhol dhan uisge aig tràigh far chosta Dhùn nan Gall ann an Èirinn aig toiseach na Dàmhair. Thuirt na Gardaí gu bheil an corp a' dol a rèir an fhiosrachaidh a bh' aca mu fhear a bh' air a dhol a dhìth, fear a bha eadar 70 agus 80 bliadhna de dh'aois, agus a bha mu 6' 2" de dh'àirde.
Foghlam Gàidhlig
Tha eòlaiche cànain air ceist a thogail mu mar a thathas a' teagasg agus a' brosnachadh na Gàidhlig anns na sgoiltean. Tha an Dr. Inge Nic a' Bhraonaigh bho Oilthigh Shrath Chluaidh, ag ràdh gu bheil an àireamh de chloinn a tha a' fuireach ann am foghlam tro mheadhan na Gàidhlig às dèidh na bun-sgoile a' tuiteam. Thuirt i cuideachd gu bheil barrachd ìmpidh ga chur air buannachdan dà-chànanais seach air a' Ghàidhlig fhèin.