Naidheachdan 11:00m

Ìre na h-atmhorachd

Tha an atmhorachd aig an ìre as àirde ann an deich mìosan. Thuirt Oifis nan Staitistig Nàiseanta an-diugh gun robh i aig 3% air a' mhìos a chaidh, suas bho 2.5% anns an Dùbhlachd. Bha prìsean bìdhe air èirigh, thuirt iad, agus cha robh faraidhean adhair air tuiteam uiread ris a bhiodh dùil. Tha na Tòraidhean air a bhith a' cur coire air an riaghaltas airson cìsean a chur an-àirde agus sin a' cur ri prìsean a bhith ag èirigh. Tha iad cuideachd ri càineadh air an t-Seansalair, Rachel Reeves. Ach tha an riaghaltas ag ràdh, ge-tà, gu bheil na poileasaidhean ceart acasan a bheir piseach air fàs na h-eaconomaidh rè ùine.

Ucràin

Tha Ceann Suidhe na h-Ucràin, Volodomyr Zelensky, air càineadh làidir a dhèanamh air Dòmhnall Trump an-diugh, ag ràdh gu bheil ceann-suidhe nan Stàitean Aonaichte air a ghlacadh ann am buileagan de dh'fhiosrachaidh mheallta. Thuirt Mgr Zelensky gun robh na Stàitean Aonaichte air Vladimir Putin a chuideachadh, le bhith a' fosgladh dorsan dioplomasach dha a-rithist - às dèidh nan còmhraidhean eadar na Stàitean Aonaichte agus an Ruis ann an Saudi Arabia. Chaidh aithris an uairsin gun robhas air iarraidh air an Ruis gun a bhith a' toirt ionnsaigh tuilleadh air an leithid bun-structair cumhachd na h-Ucràin. Tha an Ucràin ag ràdh gun robh ionnsaigh dhen dearbh sheòrsa ann tron oidhche ann am baile Oddesa. Tha riochdaire Dhòmhnaill Trump chun na h-Ucràin, Keith Kellogg, ann an Kyiv an-diugh airson còmhraidhean le Mgr Zelensky.

Cìs chomhairle

Tha eòlaiche air poileasaidh poblach dhen bheachd gum bi grunn chomhairlean Albannach ag iarraidh cìs na comhairle a chur suas 10% no còrr. Bha an t-Oll Richard Kerley à Oilthigh na Banrigh Mairead a' bruidhinn an-diugh ris a' BhBC agus Lodainn an Ear, a tha fo stiùir nan Làbarach, mar a' chiad chomhairle san dùthaich a dhearbh gu bheileas a' dèanamh àrdachadh de 10% air a' chìs. Tha sin às dèidh dhan riaghaltas cur às do reòthadh a bha an sàs air àrdachadh cìs na comhairle chun a seo. Tha an riaghaltas ag ràdh, ge-tà, nach eil adhbhar ann cìs na comhairle a chur suas uiread agus £15bn bhuapasan ga roinn eadar comhairlean na dùthcha .

Teine

Bha mu 60 luchd-smàlaidh a' strì ri teine aig àrd-sgoil ann an Obar Dheathain tron oidhche. Thòisich e aig Acadamaidh Dyce mu mheadhan-oidhche. Tha an sgoil dùinte an-diugh, ach cha deach duine a ghoirteachadh.

Sgianan

Agus tha dùil gun nochd riaghailtean ùra nas tinne air reic sgianan, agus peanasan nas cruaidhe orrasan a bhios a' briseadh nan riaghailtean sin, anns a' phàrlamaid aig Westminster as t-earrach. Bhiodh aig luchd-reic ri innse dha na poilis nam biodh duine sam bith a' ceannach luchd mòr sgianan no nam biodh amharas orra mu cheannachd eile. Tha Oifis na Dùthcha a' bruidhinn ri Riaghaltas na h-Alba mu na laghan a chur an gnìomh an seo cuideachd.