Naidheachdan 11:00m

Taraifean

Chaidh margaidh earrainnean na h-Eòrpa sìos gu mòr uairean de thìde às dèidh call mòr air margaidhean Àisia. Seo an dèidh do Dhòmhnall Trump taraifean a chur an sàs air stuth a th' air a reic ris na Stàitean Aonaichte. Às dèidh na billeanan Notaicheachan a bhith air a chall ann an Iapan, Hong Kong agus Sìona, bha an DAX anns a' Ghearmailt sìos 10% aig aon àm. Thuit am FTSE ann an Lunnainn còrr agus 5% a' chiad char, ged a thàinig piseach air bhon uair sin.

Càraichean Dealain

Aig an aon àm dh'fhoillsich Riaghaltas Westminster lagachadh anns na targaidean a thaobh charbadan dealain ri linn nan taraifean aig na Stàitean Aonaichte. Bidh barrachd saoirse dhan ghnìomhachas a thaobh thargaidean bliadhnail air thoiseach air a' chasg air càraichean ùra peatroil agus diesel a bhith air an reic bhon bhliadhna 2030, agus cha bhi na càintean cho àrd.

Gàsa

Lean ionnsaighean Israel air Gàsa tron oidhche às dèidh dhan Phrìomhaire Benjamin Netanyahu freagairt làidir iarraidh agus Hamas air rocaidean a losgadh. Bha oidhirpean a' leantainn fosadh cogaidh fhaighinn ann an Gàsa, agus Ceann-suidhe na Frainge ann an Cairo airson chòmhraidhean.

CalMac

Dh'iarr Ball-Pàrlamaid nan Eilean Siar ann an Westminster Torcuil Crichton air cathraiche ChalMac, Erik Østergaard, bruidhinn ri muinntir nan eilean no a dhreuchd fhàgail. Bidh coinneamh èiginneach ann an Uibhist a Deas air a' mhìos seo fhèin gus bruidhinn mu na trioblaidean a th' air a bhith aig eileanaich le gainnead aiseagan agus dìth planaidh bho thaobh ChalMac air a' chlàr-ama. Tha Mgr Crichton ag ràdh gum feum Mgr Østergaard a bhith ann. Thuirt CalMac gun robh Mgr Østergaard air a bhith sa h-uile eilean anns an lìonra aca mar phàirt de dh'obair ChalMac no CMAL, agus gum bi àrd-oifigearan aca an làthair aig a' choinneimh.

Tubaist

Chaidh fireannach a mharbhadh ann an tubaist mhotar-baidhseagail anns na Crìochan. Chaidh na seirbheisean èiginn a ghairm gu am B6357 faisg air Saughtree faisg air a' chrìch ri Sasainn feasgar an-dè. Thuirt na Poilis gun do bhàsaich an duine, aois 58, a bha air a' mhotar-baidhseagal, aig an làraich.

SSEN

Agus dh'innis a' chompanaidh dealain SSEN gun cosg iad £450m ann a bhith ag ùrachadh agus a' leasachadh an lìonra aca ann an ceann a tuath na h-Alba. Tha sin a' toirt a-steach Obar Dheathain, Earra-Ghàidheal, Moireibh, a' Ghàidhealtachd agus na h-Eileanan. Thuirt SSEN gun deadh co-dhiù 300 cosnadh a chruthachadh mar phàirt den obair. Fhuair còig companaidhean cumhnantan airson loidhnichean ùrachadh, barrachd dhiubh a chur fon talamh agus fo-stèiseanan a leasachadh.