Dàil air bhòt mu stad a chur air còmhdhail do sgoilearan Gàidhlig a phàigheadh

Tha Comhairle na h-Eaglaise Brice air co-dhùnadh dàil a chur air bhòt air am bu chòir stad a chur air a bhith a' pàigheadh airson còmhdhail do sgoilearan Gàidhlig.

Tha seo a tighinn an dèidh do Bhòrd na Gàidhlig a dhol an sàs sa chùis.

Tha clann san sgìre a' siubhal gu sgìrean comhairle eile airson foghlam tro mheadhan na Gàidhlig fhaighinn aig an ìre seo agus bha an t-ùghdarras ionadail a' pàigheadh air a shon.

Aig a' cheart àm chaidh draghan a thogail gu bheil an staing maoineachaidh anns a bheil mòran chomhairlean a' dol a thoirt buaidh air foghlam tro mheadhan na Gàidhlig.

Tha tuilleadh aig Eilidh NicÌomhair.