Craobhan Nollaig a' dìon na h-àrainneachd
Nis tha greiseag bhon a chuir a chuid as motha dhuinn cùl ri ar craobhan nollaig - ach càite an deach iad?
Uill, chaidh na ceudan de sheann chraobhan nollaig an cleachdadh aig tràigh Inbhir Lòsaidh - ann an oidhirp bacadh a chuir air crìonadh air na costaichean.
Le cuideachadh bho RAF Inbhir Lòsaidh agus muinntir na sgìre, tha a' choimhearsneachd a' cleachdadh na craobhan nollaig airson na dùin ghainmhich a' dhìon.
Seo aon phàirt dhan phròiseact 's iad an uairsin gu bhith fidhe a mhuran - a-steach orra airson an sgeama dion a neartachadh.
Tha tuilleadh aig Fionnlagh Mac'Illinnein...