Staid na Gàidhlig ''cugallach mar chànan beò làitheil" a rèir ChnaG

Tha staid na Gàidhlig air leth cugallach mar chànan beò làitheil.

Sin a tha Comunn na Gàidhlig (CnaG) ag ràdh ann an litir gu Riaghaltas na h-Alba.

Mura tèid tac leasachaidh ùr a ghabhail, chan fhada a bhios i ach na cuspair aig sgoilearan 's eòlaichean cànain.

Tha iad ag ràdh nach eil gu diofair cia-mheud sgoil Ghàidhlig no eile a th' ann, chan eil e ag obrachadh a thaobh an cànan a chumail beò air bilean dhaoine mar chànan coimhearsnachd.

Agus tha càineadh mòr aca air mar a tha taic-airgid Riaghaltais dhan chànan air crìonadh.

Bhruidhinn Dòmhnall Moireasdan ri Àrd-Oifigear ChnaG, Dòmhnall MacNèill, air Aithris na Maidne.