A' Chiad Chuairtair fhoillseachadh aig 11:27 Amser Safonol Greenwich 24 An Gearran
Cill Mhàilidh - Srath Ghlais
Kilmallie - Strathglass
Dòmhnall Pollock is Doneil MacLeòid.
Cill Mhàilidh - Srath Ghlais
Kilmallie - Strathglass
Obar Dobhair - Glaschu Meadhan Earra-Ghàidheal
Aberdour - GMA
Àird nam Murchan - Inbhir Nis
Ardnamurchan - Inverness
Gleann Urchadain - Eilean Bhòid
Glenurquhart - Bute
Tha Doneil ag innse dhuinn gu bheil dàil air gnothaichean aig Drummond Hill. Bheir sinn an taghadh thugaibh cho luath 's a thòisicheas e.
Uill thàinig sin mar chlach às an adhar ach tha e a' fàgail an taghaidh an-diugh nas inntinniche buileach gu bheil na prìomh sgiobaidhean gu bhith ann cuideachd.
Tha sinn an dùil gun tòisich an taghadh a dh'aithghearr a-nise is aona gheama san ro-chuairt ann gus cùisean a chur gu dol.
Nise tha sinn dìreach air cluinntinn bho Dhoneil MacLeòid aig an taghadh gu bheil Comann na Camanachd air na planaichean aca atharrachadh is gum bi an taghadh ann airson na dàrna cuairt an-diugh cuideachd.
Mar sin bidh sgiobaidhean na Prìomh Lìge san ad cuideachd - rud ris nach robh dùil.
Cumaidh sinn am fiosrachadh ribh!
Agus mu dheireadh Srath Ghlais. Chan eil an cluba à Canaich air Cupa na Camanachd a bhuannachadh fhathast ach tha àite sònraichte aca ann an eachdraidh na spòrs, gu sònraichte An Geama Mòr an aghaidh Ghleann Urchadain ann an 1887 aig Pàirc a’ Bhucht (faisg air pàirc iomain an là an-diugh) a bha bunaiteach ann an leasachadh na camanachd.
‘S e Gilleasbuig MacRath Siosalach a bha aig ceann na sgioba nuair a nochd iad air a’ phàirc an là sin. Chaidh clach air a chàrn às ùr bho chionn dà bhliadhna...
Rinn Srath Ghlais a' chùis air sgioba a' Ghlinne 1-0 air an deireadh-sheachdain gus Cupa an Dòmhnallaich a bhuannachadh - abair sgeulachd a bhiodh ann nam biodh air an taghadh còmhla madainn an-diugh.
Ged a rinn teaghlach Mhic an t-Saoir eachdraidh iongantach ann an Cupa na Camanachd do Chamanachd an Òbain, ‘s e Celtic a tha ann an cridhe Bob. Seo e a’ tilgeil leintean a’ chluba dha luchd-taic a’ ghoilf ann an Scottsdale nas tràithe air a’ mhìos.
Saoil a bheil cuideigin ann an Arizona le lèine Ceiltich an Òbain a’ cumail sùil air an taghadh an-diugh?
Tha cùisean air a bhith doirbh do Ceiltich an Òbain bho chionn ghoirid is iad sìos do dh’aon sgioba a-nise is air ais ann an iomain sgìreil, ach faodaidh iad tarraing air eachdraidh shònraichte ann an Cupa na Camanachd – bhuannaich iad an cupa còig tursan eadar 1937 is 1963. Seo seòid 63.
Ok, chan eil Bob Mac an t-Saoir an làthair aig an taghadh an-diugh ach tha fios nach eil duine air barrachd a dhèanamh gus ainm Ceiltich an Òbain no gu dearbh iomain san fharsaingeachd a sgaoileadh gu h-eadar-nàiseanta na Bob còir.
'S dòcha gu bheil e a' leantainn ar duilleag 'son fìos mu dheidhinn dè tha an dàn dhan sgioba ann an Cupa na Camanachd....
Bha sinn a‘ bruidhinn an siud air 2004 is ‘s e bliadhna mhòr a bha sin do Loch Abar ann an Cupa na Camanachd. Ged a bha lìog nas ìsle, chuir na h-Abraich an ceòl air feadh na fìdhle nuair a rinn iad an gnothach air Ceann a’ Ghiùthsaich - a’ chiad turas a bha Kings air geama a chall ann an Cupa na Camanachd bho 1996.
Chan eil Loch Abar air an cupa fhèin a bhuannachadh ach bha an dà sgioba a thàinig còmhla gus an cluba a th’ ann a stèidheachadh – Bràigh Loch Abair is Drochaid an Aonaichean – ri chèile sa chuair dheireannaich aon turas.
Thuit Loch Abar a-mach às a’ Phrìomh Lìog an-uiridh ach bha là air leth aca ann an Cupa na Camanachd le pronnadh 8-1 a thoirt air Caol Bhòid, rud a dh’fhàg Roddy Dòmhnallach bochd troimh-chèile.
Cha bhi duine san taghadh an-diugh ag iarraidh geama nan aghaidh.
Chan eil Cille Mhoire air Cupa na Camanachd a bhuannachadh bho chaidh an cluba a stèidheachadh anns an riochd anns a bheil e ann an 1977.
Tha eachdraidh mhòr, fhada aig an sgìre aca sa chupa ge-tà. Bhuannaich an Fhùirneis ann an 1923 is cha do leig iad a-steach tadhal idir tron fharpais – rud nach do thachair a-rithist gu 2013 nuair a rinn Baile Ùr an t-Slèibh e.
An Fhùirneis an 1923
Bha cuid a thòisich le Cille Mhoire cuideachd san sgioba aig Inbhir Aora a bhuannaich ann an 2004. Chrìochnaich Cille Mhoire san dàrna àite ann an Lìog Deas 1 an-uiridh is bidh sùil aca air an tuilleadh adhartais am-bliadhna.
An urrainn dhaibh beagan naidheachdan a chruthachadh ann an Cupa na Camanachd cuideachd?
Cuimhne Ùisdein air 1964
"Thàinig bus mun cuairt a' Chaoil an oidhche sin an dèidh a' gheama nuair a bha sinn uile air faighinn dhachaigh. Crochte a-mach air doras seann bhus dheirg MacBraynes bha fear de na cluicheadairean leis a' chupa agus grèim aige air chluais air. Agus air cùlaibh a' bhus, sreath de dh'òigridh an àite agus iad a' ruith 's a' cleasachd agus an oidhche mhòr a' sìneadh romhpa".
Tha 20 bliadhna ann bho bha Cill Mhàilidh sa chuairt dheireannaich. Tha cuid fhathast nach eil air tiormachadh is dìle uabhasach ann aig an Àird an là ud. Bha deòir ann bho Chill Mhàilidh cuideachd is na nàbaidhean aca An Gearasdan a’ soirbheachadh 3-2 nan aghaidh.
Ach tha Cill Mhàilidh air an cupa a bhuannachadh – air ais ann an 1964 an aghaidh Inbhir Aora sa Ghearasdan.
Là iomraiteach dha Cill Mhàilidh agus là car sònraichte do dh’Ùisdean MacIllinnein oir b’ e seo a’ chiad turas a bha e fhèin an làthair aig cuairt dheireannach Chupa na Camanachd.
Seòid Inbhir Nis ann an 1952
‘S e an rud ge-tà, nach eil sgioba Inbhir Nis fhèin air a bhith ro shoirbheachail sa chupa. Dìreach aon turas thuige seo a bhuannaich iad, air ais ann an 1952 an aghaidh Ceiltich an Òbain ann an Glaschu.
Tha an cluba air obair mhòr a dhèanamh aig ìre òigridh anns na bliadhnaichean mu dheireadh is iad a’ togail às ùr – is bidh sùil aca air taghadh math an-diugh is cothrom adhartas a dhèanamh.
Abair gu bheil eachdraidh iongantach aig baile Inbhir Nis le Cupa na Camanachd! Bha a’ chiad chuairt dheireannach a bh’ ann sa bhaile ann an 1896. Agus bhathas a’ comharrachadh 100 bliadhna an-uiridh bho bha an geama mòr aig Pàirc a’ Bhucht ‘son a’ chiad uair.
Tha a’ chuairt dheireannach air ais am-bliadha is am Bucht air a sgeadachadh. Chan eil an obair buileach deiseil – ach nach eil e a‘ coimhead math?
Daibhidh Mac a' Phearsain le a sheanair is athair nuair a bhuannaich Inbhir Aora ann an 2004.
Bha aig Inbhir Aora ri feitheamh an uairsin gu 2004 gus an cupa a bhuannachadh a-rithist. A’ bruidhinn ri BBC Naidheachdan bho chionn beagan bhliadhnichean, dh’innis fear de na gaisgich aca an là ud, Daibhidh Mac a’ Phearsain, cò ris a bha e coltach:
"Bha Inbhir Aora stobte le daoine an oidhche 'ud. Bha pìobairean ann. Daoine a' crochadh a-mach às na h-uinneagan.
"Làithean mar sin, sin as coireach gu bheil thu a' cluich iomain. Dhut fhèin, 'son do theaghlach is 'son do bhaile, thug e a h-uile duine còmhla".
‘S e sin a tha e a’ ciallachadh a bhuannachadh ma-tha!
Tha eachdraidh mhòr aig sgioba Loch Fìne ann an Cupa na Camanachd. Chluich iad sa chuairt dheireannaich cho fada air ais ri 1898 is bhuannaich iad ann an 1925, 1926 is 1930.
Seo seòid 1926.
Sùil air ais air Cupa na Camanachd 2014
Tha an sgioba à Druim na Drochaid dà thuras air cuairt dheireannach Chupa na Camanachd a ruighinn, ged nach deach leotha. Bha iad ann mu dheireadh ann an 2014 nuair a bha Ceann a’ Ghiùthsaich dìreach ro mhath dhaibh, a’ buannachadh 4-0 is Raghnall Ros a’ faighinn a làmhan air a’ chupa ‘son an turas mu dheireadh.
Rinn Kings a’ chùis air sgioba a’ Ghlinne an turas eile a bha iad sa gheama mhòr cuideachd. ‘s e 4-2 a bh’ ann air ais ann an 1988....
Cead do stuth YouTube?
Tha stuth Google YouTube an cois an artaigil seo. Tha sinn a’ sireadh cead bhuat mus tèid sìon luchdachadh, oir dh’fhaodadh iad ‘briosgaidean’ agus teicneòlas eile a chur an sàs. ‘S dòcha gum biodh tu airson poileasaidh nam briosgaidean aca a leughadh, taobh a-muigh a leughadh agus am poileasaidh prìobhaideachd aca, taobh a-muigh mus tèid thu air adhart. Airson sùil a thoirt air an stuth seo, tagh ‘Gabh ris agus lean ort’.