"Tha e an dèis a bhith mu dheidhinn sgìrean ach carson nach obraicheadh e le cànan?"

Bu chòir aonta-fàis - le airgead à Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte agus na h-Alba air a chùlaibh - a bhith ann airson na Gàidhlig.

'S e sin a thuirt cathraiche MG Alba, Iain Moireasdan, is e a' bruidhinn aig co-labhairt mun Ghàidhlig is an eaconamaidh ann an Inbhir Nis Diardaoin.