"Gheibh sinn tuilleadh a-mach mar a tha daoine a' tighinn"

Robh fios agaibh gun robh uaireigin còrr is 20 bùth ann an Cille Mhoire?

Thàinig seo am bàrr ann an rannsachadh a rinn Comann Eachdraidh Chille Mhoire is taisbeanadh a' dol aca mu na bùthan an-dràsta.

Tha iad fhathast an dòchas barrachd ionnsachadh mu na gnothachasan beaga a bha uair cho pailt san àite.