Naidheachdan 11:00m
Hamaltan
Dh'aidich am Prìomh Mhinistear, John Swinney, gu bheil dùbhlan ron SNP an dèidh fo-thaghadh Hamaltan, Larkhall agus Stonehouse airson Pàrlamaid na h-Alba san do ghabh na Làbaraich a' chiad àite. Bha an SNP san dàrna àite - 600 bhòt air dheireadh air na Làbaraich - agus Reform UK san treas àite le 900 bhòt nas lugha na an SNP. Bha na Tòraidhean pìos air dheireadh orra sin anns a' cheathramh àite.
Elon Musk
Tha aithrisean ann gun do dh'iarr an Taigh Geal còmhradh ri Elon Musk an dèidh mar a chaidh esan agus an Ceann-Suidhe Trump a-mach air a chèile gu dubh. Tha iad air a bhith a' mì-mhodh ri chèile bho chàin Mgr Musk plana cosgais agus cìse a' Chinn-Suidhe. Thuirt Mgr Trump gu bheil a sheann charaid, a dh'fhàg a dhreuchd san Riaghaltas an t-seachdain seo chaidh air a dhol às a chiall.
An Ucràin
Dh'iarr an Ucràin tuilleadh cuideim eadar-nàiseanta air an Ruis an dèidh sreath ionnsaighean mairbhteach an-raoir. Thuirt Mèar a' phrìomh bhaile, Kyiv, gun deach ceathrar air a' char as lugha a mharbhadh an sin.
Prìs Thaighean
Dh'innis a' chompanaidh morgaids, Halifax, gun robh lùghdachadh 0.4% ris nach robh dùil ann am prìs thaighean anns a' Chèitean seach air a' mhìos ron sin. Tha luach taighe sa chumantas anns an Rìoghachd Aonaichte aig beagan nas lugha na £297,000.
Còmhdach Thogalaichean
Tha coltas gum feumar cho mòr ri £300bn de dh'airgead phoblach a chosg a' leasachadh thogalaichean an Alba a bha còmhdaichte le stuth a tha buailteach a dhol na theine. Tha Riaghaltas na h-Alba den bheachd gu bheil faisg air 1,500 dachaigh anns an t-suidheachadh sin - suas bho 900 air an tomhas mu dheireadh.
Stagecoach
Tha treas stailc aon là a' toirt buaidh air seirbheisean bus Stagecoach ann an Siorrachd Àir agus Eilean Arainn an-diugh. Tha mu 400 dràibhear air stailc ann an eas-aonta mu phàigheadh. Tha an t-aonadh aca, Unite, an dùil tòiseachadh air stailc fad sia seachdainnean bho thoiseach na seachdain seo tighinn.