"'S e rud fìor mhòr a th' ann"
Tha daoine air Taobh Siar Rois air a bhith a' cur fàilte air an naidheachd gu bheil £24m ga chur ri leasachadh aig Gàrradh Chiseoirn.
Tha an t-airgead a' tighinn bho HIE le dùil goireasan a leasachadh airson obair ath-nuadhachail a thàladh.
Dh'fhaodadh gum bi obair ann do suas ri 1,500 duine.
Tha Dòmhnall Dòmhnallach a' fuireach anns an sgìre agus bha e ag obair aig Ciseorn sna 1970an.