35 bliadhna de King Tut's Wah Wah Hut

Tha King Tuts Wah Wah Hut ann an Glaschu am measg nan ionadan-ciùil is aithnichte ann an Alba.

Chan e gu bheil e cho mòr sin ach 's iomadh còmhlan a th' air nochdadh air an àrd-ùrlar an sin.

Gu dearbh, 's ann às dèidh dhaibh nochdadh an sin a fhuair Oasis a' chiad chùmhnant clàraidh aca.

Tha còmhlain Gàidhealach cuideachd air nochdadh air an àrd-ùrlar anns na 35 mu dheireadh, mar a tha Calum MacIllinnein ag aithris.