Tagradh airson taic-airgid "ro fhada"
Cha deach iarratas-maoineachaidh bho Thaigh-cluiche Chomar nan Allt, luach nan ceudan mhìltean notaichean, a mheasadh le Alba Chruthachail air sàilleabh gun robh e ro fhada.
Thuirt ceannard an taigh-chluiche gun robh iad air a bhith deonach a' mhearachd a chàradh ach nach deach an cothrom sin a thoirt dhaibh.
Tha ceistean a-nis ann mu dè tha an dàn dhan bhuidhinn agus dhan togallach ùr anns a bheil iad stèidhichte.
Tha an aithris seo aig Calum MacLeòid.