Naidheachdan 11:00m
An Ucràn
Tha ceannardan Eòrpach agus Prìomhaire Chanada ann an Kyiv is trì bliadhna ga chomharrachadh bho chaidh an Ruis an sàs san Ucràin. Tha àrd-choinneamh ga chumail sa bhaile mun chogadh.
Chan eil am Prìomhaire air neo Ceann-Suidhe na Frainge an làthair san Ucràin.
Tha an Rìoghachd Aonaichte air an tuilleadh smachd-bhannan fhoillseachadh an aghaidh na Ruis, is tha an Ceann-Suidhe Macron ann an Washington gus coinneachadh ris a' Cheann-Suidhe Trump 's dùil gun tèid bruidhinn air suidheachadh na h-Ucràin an siud.
A' Ghearmailt
Tha pàrtaidh na fìor làimhe deise sa Ghearmailt - an AfD - air càineadh a dhèanamh air an CDU, a bhuannaich taghadh na dùthcha 'son diùltadh obrachadh cuide riutha.
'S iad an AfD a thàinig san dàrna àite, 's ged a tha aig an CDU ri riaghaltas co-bhanntachd a stèidheachadh, tha ceannard a' phàrtaidh, Friedrich Merz, air a ràdh nach obraich e a-muigh neo a-mach leis an AfD.
Bile nan Cànanan
Tha Riaghaltas na h-Alba a' beachdachadh air atharrachadh a thoirt air Bile ùr nan Cànanan gus toirt air comhairlean Sgìrean Cànain Sònraichte ainmeachadh far a bheil a' Ghàidhlig aig co-dhiù 20% den t-sluagh. Thuirt an Leas-Phrìomh-Mhinistear Ceit Fhoirbeis gum biodh còraichean nas treasa air seirbheisean an leithid fhoghlam Ghàidhlig anns na sgìrean sònraichte, 's gum biodh barrachd maoineachaidh ann 'son ùghdarrasan ionadail gus an cur an gnìomh.
Steòrnabhagh
Tha dùil ri dithis aig cùirt an t-Siorraidh ann an Steòrnabhagh an-diugh fhathast an co-cheangal ri buaireadh air an deireadh-sheachdain. Chaidh an dithis fhireannach -- a tha 24 is 30 - a chur an greim às dèidh a' bhuairidh a bha air Rathad Pherceval oidhche Shathairne.
Am Pàp
Bha deagh oidhche aig a' Phàpa Prainnseas a-raoir san ospadal, a rèir na Bhatacain.
Tha am Pàpa air a bhith san ospadal san Ròimh airson còrr air deich là a-niste, agus e a' faighinn leigheis airson a' ghrèim a th' anns an dà sgamhan aige. Tha e ann an suidheachadh ìosal fhathast, agus trioblaid aige le dhubag a-niste cuideachd.