Sloinnidhean is far-ainmean a' dol à bith?
Tha eòlaiche ag ràdh gu bheil an cleachdadh far am biodh sloinneadh aig daoine ann an coimhearsnachdan Gàidhealach a rèir cò dha am buineadh iad, neo far-ainm a rèir an coltais neo adhbhar eile, a' sìor dhol à bith.
Tha Iain Mac an Tàilleir den bheachd gur e piseach air seirbheisean telebhisein agus crìonadh sa Ghàidhlig sna h-eileanan as coireach gu ìre gu bheil nas lugha de dhaoine le far-ainm no le sloinneadh a dh'aithnicheas daoine.
Tha Karen Elder - Karen Mhargaret Anne Chalum an Dot - ag aithris.