Podcast Eòrpa: Ath-shlànachadh
Na bu tràithe den mhìos seo, chomharraich am fear-naidheachd Ruairidh MacÌomhair deich bliadhna de bhith sòbarra.
Anns a' phrògram ùr aig Eòrpa, tha Ruairidh a' bruidhinn mun t-strì a bha aige fhèin le deoch-làidir is drugaichean, is an sealladh a thug seo dha air duilgheadasan aig ìre nàiseanta ann an Alba.
Tha Ruairidh cuideachd air a bhith a' bruidhinn ri Dòmhnall Moireasdan airson podcast Eòrpa.
A thuilleadh air a' bhideo an seo, gheibhear am podcast cuideachd air BBC Sounds.
Ma tha thu fhèin, no neach air a bheil thu èolach, fo bhuaidh a bhith an eisimeil deoch-làidir no susbaintean eile, tha sreath de bhuidhnean a dh’fhaodadh a bhith taiceil ri fhaighinn an seo.