Naidheachdan 11:00m
A' Chìs-Chomhairle
Tha a' chomhairle as motha ann an Alba, Comhairle Bhaile Ghlaschu, air aontachadh cìs na comhairle aca a chur suas 7.5% airson na bliadhna ionmhais ri teachd. Ghabh comhairlichean an SNP agus a' Phàrtaidh Uaine air a' chomhairle ris a' phlana. Tha an t-àrdachadh sin nas lugha na tha mòran chomhairlean eile a' sùileachadh a dhèanamh - agus an leithid Lodainn an Ear mu thràth air aontachadh ri àrdachadh 10%. Tha dùil gun lean Comhairle nan Crìochan air an eisimpleir sin an-diugh fhathast . Tha Comhairle Fhìobha agus Comhairle Bhaile Dhùn Èideann cuideachd gu bhith a' stèidheachadh ìre na cìse acasan an-diugh.
Gàsa
Tha cuirp cheathrar a bhàsaich agus iad ann am bruid ann an sgìre Ghàsa a-nis air ais ann an Iosrael. Bha iad air an toirt seachad dhan Chrois Dheirg le Hamas an-diugh, agus Hamas ag ràdh gur iad Oded Lifshitz, a bha 84, agus Shiri Bibas agus an dithis bhalach aice, Kfir a bha naoi mìosan a dh'aois nuair a thugadh am bruid iad, agus Ariel, a bha an uair sin ceithir. Chan eil Iosrael air seo a dhearbhadh, ge-tà, agus iad ag ràdh gum bi iad a' feitheamh air dearbhadh bho na h-eòlaichean aca fhèin a nì sgrùdadh air na cuirp.
An Ucràin
Tha ceannardan Eòrpach air a bhith a' cur an cuid taic ri Ceann-suidhe na h-Ucràin, Volodymyr Zelensky, às dèidh mar a thuirt an Ceann-suidhe Trump an-dè còrr air aon uair gur e deachdaire a bh' ann an Maighstir Zelensky a bha air droch obair a dhèanamh bho fhuair e a-steach dhan dreuchd. Chuir Sir Kier Starmer fòn gu Maighstir Zelensky a-raoir a thabhainn a thaice dha, agus thuirt Prìomhaire na Spàinne, Pedro Sanchez, an-diugh gum bi esan a' tadhal ann an Kyiv Diluain. Tha tosgaire nan Stàitean Aonaichte chun na h-Ucràin sa bhaile sin an-diugh.
Bàs le drugaichean
Tha Rùnaire Slàinte na h-Alba, Niall Gray, air aideachadh gu bheil feum air barrachd a dhèanamh airson dèiligeadh ris an àireamh dhaoine a tha a' bàsachadh co-cheangailte ri mì-chleachdadh dhrugaichean ann an sgìrean dùthchail na h-Alba. Fhuair am BBC fianais mu ghrunn dhaoine a bhàsaich ann an sgìre an Òbain ann an suidheachadh coltach ri sin. Sna bliadhnaichean mu dheireadh, tha an ìre bàis as àirde san Roinn Eòrpa ceangailte ri mì-chleachdadh dhrugaichean air a bhith ann an Alba.
BPA Shealtainn
Tha Ball-pàrlamaid Albannach Shealtainn, Beatrice Wishart, air innse nach seas i a-rithist aig an ath-thaghadh ann an 2026. Bha i air a taghadh an toiseach dhan sgìre dha na Lib Deamaich ann am fo-thaghadh ann an 2019, agus fhuair i a-steach a-rithist ann an 2021.