Beàrnan aig bòrd CMAL

Tha CMAL a’ sireadh dithis a thèid air a’ bhòrd aca.

Tha an dà chuid Comhairle nan Eilean Siar agus Bòrd Coimhearsnachd ChalMac air sgrìobhadh gu Rùnaire Còmhdhail na h-Alba, Fiona Hyslop, mu cho cudromach sa tha e nam beachd-san gum bi eileanaich air a' bhòrd.

Bha iad air mì-thoileachas a shealltainn nuair a chaidh triùir aig nach eil ceangal ris na h-eileanan a thilleadh gu bòrd ChalMac bho chionn ghoirid. Seo Ruaraidh Rothach ...