Rabhadh mu àrdachadh ann am bathar agus luchd-siubhail san àm ri teachd
Tha dùil ri àrdachadh mòr air an dà chuid an àireamh do luchd-siubhail agus na bhios ann do bhathair a thèid air seirbheis aiseig Steòrnabhaigh sna bliadhnaichean ri thighinn.
Tha Comhairle nan Eilean Siar ag ràdh gu bheil e follaiseach gur dòcha nach tèid aig an Loch Seaforth air a' ghnothach a dhèanamh leatha fhèin agus iad ag ràdh gu bheil fuasgladh a dhìth.
Seo Ruaraidh Rothach.