Tiomnadh Gàidhlig à Gallipoli
Fhuair luchd-rannsachaidh aig Clàran Nàiseanta na h-Alba lorg air tiomnadh a chaidh fhàgail le saighdear Sgitheanach, mus do chaill e a bheatha ann an Gallipoli anns a’ Chogadh Mhòr.
Ach 's e a tha annasach mun tiomnadh seo, 's e gun deach a sgrìobhadh sa Ghàidhlig, mar a tha Gilleasbuig MacDhòmhnaill a-nis ag aithris.