Dàil air faraidhean luchd-coiseachd air aiseag a' Chorrain
Chaidh dàil an-dràsta co-dhiù a chur air plana connspaideach Comhairle na Gàidhealtachd airson faraidhean a chur air luchd-coiseachd air Aiseag a' Chorrain.
Tha mòran sa choimhearsnachd air a bhith feargach mu dheidhinn agus ochdnar chomhairlichean a' cur na aghaidh.
Thèid bhòt eile a-nis a chumail aig deireadh na mìos, mar a tha Seonaidh MacCoinnich ag aithris.