"Bha e mar gum bithinn air obair mo bheatha a dhèanamh fada ron àm"
Tha 20 bliadhna ann air a' mhìos seo bho chaidh Achd na Gàidhlig na lagh.
Tha fear de dh'ailtirean an Achd, an t-Oll. Dòmhnall Meek, ag ràdh gu bheil e a' faireachdainn fortanach airson a' chothrom a bh' aige reachdas a thoirt air adhart.
Bha e na chathraiche air buidheann coimhearlachaidh an Riaghaltais air a' Ghàidhlig (MAGOG), a rinn obair bhunaiteach gus Achd na Gàidhlig a dhealbhachadh.
A' coimhead air ais às dèidh fichead bliadhna, thuirt e: "Dè eile a b' urrainn dhomh a bhith air a dhèanamh a bha na b' àirde na a' Ghàidhlig a chur ann an leabhraichean lagha na h-Alba."
Ach tha e ag ràdh gun robh an t-achd a chaidh troimhe sa Phàrlamaid mòran na bu laige na bha e fhèin ag iarraidh sa chiad dol a-mach.
Tha e cuideachd air bruidhinn mun bhuaidh mhòir a thug uallachaidhean a' phròiseas air gu pearsanta, agus a shlàinte air briseadh ann an 2004.
Chaidh Ruairidh MacÌomhair a bhruidhinn leis an Oll. Meek na dhachaigh anns an Eaglais Bhric.