HIE a' cur suas ri £24m ri leasachadh Port Chiseoirn

Thathar an dòchas gum bi obair gu leòr ann do suas ri 1,500 duine an cois an leasachaidh as ùire seo aig a' phort
- Air fhoillseachadh
Dh'fhaodadh gum bi obair ann do suas ri 1,500 duine fhathast aig Port Chiseoirn air taobh siar na Gàidhealtachd an cois pròiseact goireasan a leasachadh airson obair ath-nuadhachail a thàladh.
Tha Iomairt na Gàidhealtachd agus nan Eilean (HIE) a' cur maoineachaidh luach suas ri £24m ris an làraich.
Bha Ciseorn uair a' togail chlàran-ola airson obair sa Chuan a Tuath.
Fhuair còrr air 3,000 neach cosnadh aig an làraich ann an 1977 is Clàr Ninian ga thogail ann - clàr anns an robh cuideam de chòrr air 600,000 tunna.
Tha an Leas-Phrìomh Mhinistear Ceit Fhoirbeis ag ràdh gun tig buannachdan mòra às an leasachadh
Bha an làrach trang a-rithist sna 1990an agus pìosan de Dhrochaid an Eilein Sgitheanaich gan togail ann.
Tha dòchas gum bi buannachdan eaconamach a cheart gu mòr dhan sgìre an cois an leasachaidh as ùire seo.
Thuirt an Leas-Phrìomh Mhinistear Ceit Fhoirbeis gur e in-ionmhas cho mòr 's a tha air a bhith ann fad deichean de bhliadhnaichean.
Thuirt i: "Tha e riatanach gum faigh Port Chiseoirn agus na coimhearsnachdan timcheall air buannachd à margaidh ath-nuadhachail na cruinne."
Bha Dòmhnall Dòmhnallach ag obair aig Ciseorn anns na 70an
Tha e mar phàirt de thaic-airgid suas ri £500m a tha Riaghaltas na h-Alba a' gealltainn thairis air còig bliadhna airson puirt na dùthcha a leasachadh airson an uidheamachd a bhios a dhìth airson tuathan-gaoithe aig muir a thogail.
'S ann aig Ciseorn a tha fear de na docan-tioram as motha san Roinn Eòrpa agus thèid sin a leudachadh.
Thuirt Àrd-oifigear HIE, Stuart Black: "Tha an goireas air cosnaidhean sgileil a chumail ri daoine ann an sgìre dhùthchail airson nan deichean bhliadhnaichean agus tha coltas gun tig fàs mòr air, rud a tha air leth cudromach a chùm seasmhachd choimhearsnachdan air an taobh siar."

'S ann aig Ciseorn a tha fear de na docan-tioram as motha san Roinn Eòrpa
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- Air fhoillseachadh21 An Dùbhlachd 2018