£24m airson Gàrradh Chiseorn
Chaidh suas ri £24m fhoillseachadh 'son obair-leasachaidh air Gàrradh Chiseorn.
Tha dùil gun tèid an t-airgead bho Iomairt na Gàidhealtachd 's nan Eilean a chleachdadh gus an t-àite a dhèanamh freagarrach 'son a bhith togail bun-stèidh do thuathan gaoithe aig muir.
Thuirt HIE gum bi comas ann taic a chumail ri 1,500 cosnadh fo na planaichean.
Tha an aithris seo aig Karen Elder.