Naidheachdan 11:00m

Gàsa

Thuirt a' bhuidheann chobhair ùr ann an Gàsa aig a bheil taic Israel agus nan Stàitean Aonaichte nach bi iad a' roinn bìdh san sgìre an-diugh an dèidh mar a chaidh na h-uimhir de Phailistinianaich a mharbhadh timcheall air na làraichean aca. Thuirt Bunait Daonnachd Ghàsa gun toir sin ùine dhaibh cùisean a dhèanamh nas sàbhailte. Tha arm Israel a' rannsachadh aithrisean gun do loisg na saighdearan aca air sìobhaltaich a chruinnich aig na h-ionadan-cobhair an-dè.

Taraifean

Chuir gnìomhachas stàilinn na Rìoghachd Aonaichte fàilte air co-dhùnadh a' Chinn-Suidhe Trump nach bi àrdachadh taraif air stàilinn agus aluminium Breatannach. Tha Mgr Trump a' cur na cìse sin suas bho 25% gu 50%, ach bidh an Rìoghachd Aonaichte fhathast a' pàigheadh aig an ìre as lugha.

Ciseorn

Cuiridh Iomairt na Gàidhealtachd 's nan Eilean suas ri £24m ri leasachadh aig Port Chiseoirn air taobh siar Rois airson pròiseactan cumhachd ath-nuadhachail a tharraing ann. Thèid an doca tioram a leudachadh agus làrach air tìr airson togail bhunaitean do thuathan-gaoithe aig muir.

Gràisgean

Thuirt na Poilis nach eil dearbhadh cinnteach aig an ìre seo air ceangal eadar murt dithis Albannach sa Spàinn agus cogadh gràisge an Alba. Chaidh losgadh le gunna air Eddie Lyons Jnr agus Ross Monaghan ann am Fuengirola oidhche Shathairne. Bha ceangal aca le chèile ri teaghlach Lyons a tha a' strì ri gràisg eile na Daniels ann an Glaschu agus Dùn Èideann.

Uisge na h-Alba

Cha tàinig aonta idir à còmhraidhean an-raoir mu stailc luchd-obrach Uisge na h-Alba. Seo an treas là de stailc fad seachd là ann an eas-aonta mu phàigheadh.

Sgoiltean

Tha dùil gun gabh comhairlichean Gàidhealach co-dhùnadh an-diugh dà bhun-sgoil a dhùnadh. Tha Sgoil Bhad a' Chall agus Sgoil Loch Iù air taobh siar Rois air a bhith dùinte rè ùine bho chionn dà bhliadhna. Agus bidh comhairlichean a' beachdachadh cuideachd air plana airson Sgoil Speisealta an Naoimh Cliaman ann an Inbhir Pheofharain a ghluasad gu làrach ùr.