Thèid beachdan iarraidh air Ghàidhealtachd mu chìs luchd-tadhail

Tòisichidh Comhairle na Gàidhealtachd conaltradh leis a’ phoball mu chìs a chur air luchd-tadhail chun na sgìre.

Dh'aontaich buill bho Chomataidh na h-Eaconomaidh is a' Bhun-structair ri cainnt a' cho-chomhairleachaidh Diardaoin agus bidh a-nis trì miosan aig daoine an cuid bheachdan a chur thuca mu dheidhinn.

Tha a' chomhairle ag ràdh gun cur seo mu £10m ris an sporan aca gach bliadhna. Tha Màiri Riddoch ag aithris.