Swinney an aghaidh cìs-oighreachd do thuathanaich

John Swinney
  • Air fhoillseachadh

Canaidh Prìomh Mhinistear na h-Alba ri Aonadh Nàiseanta nan Tuathanach Dihaoine gu bheil e a' seasamh còmhla riutha an aghaidh phlanaichean a bheireadh buaidh air na phàigheadh tuathanaich de chìs-oighreachd.

Innsidh John Swinney do choinneimh-bhliadhnail na buidhne ann an Glaschu gun cuireadh planaichean aig Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte ris a' chuideam a th' air gualainean thuathanach mar thà.

Tha Mgr Swinney ag ràdh gu bheil esan a' tuigsinn nan dùbhlan a th' air a bhith mu choinneimh thuathanach thar nam bliadhnaichean mu dheireadh.

Sin leis gu bheil e a' riochdachadh roinn-pàrlamaid ann an Siorrachd Pheairt anns a bheil mòran thuathanach a' fuireach agus a' dèanamh am beòshlaint.

Air feadh na Rìoghachd Aonaichte, tha tuathanaich air a bhith a' togail fianais an aghaidh phlanaichean a thàinig bho Riaghaltas Westminster a dh'atharraicheadh na phàigheadh tuathanaich de chìsean-oighreachd.

Tha an Riaghaltas ag ràdh nach toireadh na planaichean buaidh ach air na tuathanaich as beartaiche.

Ach, tha aonaidhean ag ràdh gu bheil an Riaghaltas air seo fhaighinn ceàrr, agus gum biodh an leithid de dh'atharrachadh dona dha-rìribh do thuathanasan-teaghlaich.

Ann an òraid Dihaoine, innsidh Mgr Swinney gun deach na h-atharrachaidhean fhoillseachadh gun bruidhinn ris a' ghnìomhachas neo ùghdarrasan an leithid Holyrood, agus gu bheil e a' toirt taic do dh'iomairt nan tuathanach an aghaidh nam planaichean.