Cùram Sòisealta air a' Ghàidhealtachd is sna h-Eileanan an Iar fon phrosbaig

Tha Angela a' dèanamh obair cùraim san dachaigh anns na h-Eileanan an Iar
- Air fhoillseachadh
Sheall an cunntas-sluaigh mu dheireadh gu bheil sluagh na dùthcha a' fàs nas sine – gu sìmplidh tha cus a bharrachd dhaoine nas sine na 65 a-niste an Alba an taca ris na tha de chloinn fo aois 15 bliadhna.
Tha seo nas nochdte buileach ann an sgìrean dùthchail.
Anns na h-Eileanan an Iar, tha còrr is cairteal den t-sluagh nas sine na 65.
Tha seo mar-thà a' cur cuideim a bharrachd air an t-seirbheis slàinte agus air cùram sòisealta gu h-àraid.
Dh'innis Àrd-Oifigear NHS nan Eilean Siar, Gòrdan Jamieson, mun bhuaidh a bha seo a' toirt:
"Nuair a tha dàil air daoine a' faighinn dhachaigh às an ospadal, tha seo daonnan a' cur cuideim air an t-siostam.
"Tha sinn ag iarraidh gum bi daoine anns an àite cheart a' faighinn a' chùraim as còir dhaibh. Ach 's e duilgheadas leantainneach a th' ann dhuinn."
"Mar eisimpleir an-diugh tha dàil air 16 san ospadal seo bho bhith a' faighinn dhachaigh agus tha dàil air ceathrar an Ospadal Uibhist is Bharraigh.
"Sin 30% de na leapannan an seo an Ospadal nan Eilean, agus 's e a bhuaidh a th' aige sin 's e ma dh'fhaoidhte nach urrainn dhuinn daoine a thoirt a-steach airson obair lannsa.
"Tha mi a' smaointinn gur e fear de na prìomh dhuilgheadasan dhuinne, is tha sinn air iomradh a thoirt air seo thar nam bliadhnaichean, 's e gur e crìonadh an t-sluaigh anns na h-Eileanan an Iar an cunnart as motha dhan t-siostam fàiligeadh."

Thuirt Gòrdan Jamieson gum faodadh crìonadh sluaigh nan Eilean Siar toirt air an t-siostam a th' ann fàiligeadh
Dh'fhosgail Dachaigh-cùraim Taigh Shìophoirt ann an Steòrnabhagh ann an 2023.
Dachaigh-cùraim a ghabhas 52, agus ionad-faochaidh a ghabhas 15.
Tha Bremner Court ri thaobh a' tabhainn taigheadais le cùram do 35 neach fad là is oidhche ach chan eil seo air fosgladh uile fhathast air sàilleibh dhuilgheadasan a' fastadh luchd-obrach. Ach tha seo gus fosgladh as t-fhoghar.
Agus air feadh nan Eilean, tha an t-seirbheis seo a cheart cho feumach air luchd-obrach.
A-muigh sa choimhearsnachd tha daoine leithid Angela NicAmhlaigh a' dèanamh cùraim san dachaigh.
"Bidh e a' fàs trang," thuirt i.
"Agus tha tòrr luchd-obrach eadar-amail an seo a-nis a' dèanamh obair nuair nach urrainn duine eile.
"Tha sinn gun teagamh feumach air luchd-obrach.
"Agus tha sinn a' fàs nas sine is tha barrachd dhaoine a' cur feum oirnn."
Taobh thall a' Chuain Sgìth ann am Malaig, b' fheudar dhan ionad-cùraim dùnadh bho chionn còrr is bliadhna gu leth air sàilleibh cion luchd-obrach.
Bha seo duilich dhan a h-uile duine an sàs, ach gu h-àraid dhan luchd-còmhnaidh.
Le bhith gan gluasad 40 mìle suas a rathad dhan Ghearasdan thug seo buaidh air na bha de dhaoine a' tadhal orra is cha robh seo furasta do theaghlaichean.
An dèidh do NHS na Gàidhealtachd a tha a' ruith Ionad Mhic an Tòisich feuchainn ri fuasglaidhean fhaighinn, chaidh aige air fosgladh as ùr bho chionn ceithir mìosan, rud a bha na fhaochadh dhan a h-uile duine.

Lexie ag obair aig Dachaigh-cùraim Taigh Fairburn
Tha deich dachaighean-cùraim air dùnadh air a' Ghàidhealtachd san trì bliadhna a chaidh seachad, ged a tha Ionad Mhic an Tòisich a-niste air fosgladh a-rithist agus tha Strathburn ann an Geàrrloch gus fosgladh a-rithist as t-fhoghar.
Tha seo a' fàgail gu bheil an sgìre gann 200 leabaidh chùraim.
Mar a mhìnich Pamela Stott, àrd-oifigear cùram sòisealta do dh'inbhich aig NHS na Gàidhealtachd, tha grunn adhbharan a' toirt buaidh.
"Tha cùisean eaconomach ann, tha duilgheadasan le ìsleachadh san àireamh sluaigh, is tha farpais ann eadar na roinnean malairt agus turasachd," thuirt i.
"Mar sin, tha cion luchd-obrach tric na dhragh, ach aig an aon àm, tha sinn cuideachd a' coimhead air dòighean ùra airson luchd-obrach a bhrosnachadh gu dreuchdan cùraim.
Aon dòigh air dèiligeadh ris an trioblaid 's e a bhith a' togail thaighean do luchd-obrach, rud a tha a' chompanaidh Parklands a' dèanamh.
Tha iadsan a' togail dachaigh-cùraim ùir ann an Inbhir Nis an-dràsta.
Bu chòir dhi a bhith fosgailte sa Chèitean agus bidh feum air 120 neach-obrach.
Tha iad a' togail 24 flata air màl ri taobh na dachaigh-cùraim do luchd-obrach.
Tha dachaighean-cùraim cuideachd a' feuchainn ri ceanglaichean a dhèanamh le daoine oga mar phàirt den fheagairt.

Tha Ministear a' Chùraim Shòisealta, Maree Todd, a' fuireach air Ghàidhealtachd
Anns na h-Eileanan, tha cothrom aig oileanaich pàirt a ghabhail ann an cùrsa preantasachd ann an cùram sòisealta.
Bidh a' chlann-sgoile a' tadhal air Taigh Shìophoirt ann an Steòrnabhagh gach seachdain gus ionnsachadh fhaighinn.
Tha Taigh Fairburn - dachaigh-cùraim a th' air a ruith faisg air a' Bhlàr Dhubh - air ceangal a dhèanamh le Acadamaidh Inbhir Pheofharain gus obair san roinn a bhrosnachadh.
Is tha Lexie am measg cheathrar sgoilearan a bhios ag obair ann a-niste.
"Bidh mi a' dèanamh beagan uairean às deidh na sgoile Diluain, Dimàirt agus Diciadain agus an uair sin air Diardaoin agus Dihaoine, bidh mi a' fàgail na sgoile tràth agus a' tighinn an seo.
"'S e àite math a tha seo, àite laghach airson obair, tha e snog, coltach ri teaghlach mòr."
Thuirt Riaghaltas na h-Alba gun robh iad gu math mothachail mu na dùbhlain.
Thuirt am Ministear airson Cùraim Shoisealta, Maree Todd, a tha a' riochdachadh Gallaibh, Cataibh agus Ros, agus a' fuireach air Ghàidhealtachd:
"Bidh mi tric a' smaoineachadh ma gheibh mi cùram sòisealta ag obrachadh ceart far a bheil mi a' fuireach, obraichidh e an àite sam bith eile oir 's e seo an ìre mhath an sgìre as duilghe air a shon san dùthaich."
Chìthear Eòrpa: Who Cares? air BBC ALBA oidhche Chiadain aig 9:00f agus air iPlayer a' BhBC an seo.