King Tut's @35: "Tha fios agad nuair a tha thu a' coiseachd suas nan staidhrichean"

King Tut's
  • Air fhoillseachadh

'S iomadh còmhlan ciùil dhan tug King Tut's Wah Wah Hut ann an Glaschu cothrom thairis air a' 35 bliadhna mu dheireadh.

Tha na h-ainmean ainmeil aca sgrìobhte air an staidhre a dhìreas tu a' dol a-steach - The Levellers, Texas, Arctic Monkeys, Blur, na Manic Street Preachers... gu dearbha 's ann ann a fhuair Oasis a' chiad chùmhnant clàraidh aca an dèidh dhaibh cluiche ann.

Tha iomadh còmhlan traidiseanta agus Gàidhealach air cluiche ann thar nam bliadhnaichean cuideachd, ged nach fhaicear an ainmean-san air an staidhre ud fhathast.

Zach Ronan

Bha an còmhlan Dlù a' cur taic ri Face the West 's iad a' cluiche ann bho chionn ghoirid.

"Fiù 's ged nach eil capacity cho mòr sin ann an King Tut's, 's e àite cho ainmeil a th' ann," thuirt Zach Ronan, a bhios a' cluiche a' bhocsa ann an Dlù.

"Bidh fios agad fhèin nuair a tha thu a' coiseachd suas na staidhrichean, agus abair gu bheil ainmean ainmeil ann an sin!

"'S e deagh fhaireachdainn a th' ann a bhith mar phàirt den eachdraidh sin ann an dòigh.

"Cuideachd, 's ann à Glaschu a tha a' mhòr-chuid sa chòmhlan Dlù.

"'S mar sin chan urrainn dhomh creidsinn nach do chluich sinn an seo roimhe, ach tha sinn really a' coimhead air adhart ris. Bidh e uabhasach math."

Fo-thiotal a’ bhidio,

King Tut's @35

Tha Zach den bheachd gu bheil àiteachan den leithid gu math cudromach do chultar na Gàidhlig ann am Baile Mòr nan Gàidheal.

"Tha mi a' smaoineachadh gu bheil e cho cudromach san là a th' ann an-diugh, leis gu bheil sinn a' cumail ceòl traidiseanta 's ceòl Gàidhlig beò," thuirt e.

"Airson sin a dhèanamh feumaidh tu an ceòl sin a thaisbeanadh ann an àiteachan den leithid."

Coma leat na Gallaghers - bha na Gillespies agus Skerryvore a' cluiche ann an King Tut's.

Bha agus Tide Lines agus na h-Elephant Sessions am measg chuid de na còmhlain traidiseanta a th' air cluiche ann.

King Tut's

Tha Eilidh NicCarmaig a' seinn sa chòmhlan Valtos, a bhios a' measgachadh ceòl traidiseanta agus eileactronaigeach, 's a th' air cluiche ann dà thuras.

"Chan e a-mhàin gu bheil na h-àiteachan beaga seo cudromach, tha iad riatanach," thuirt i.

"Bhon ma tha còmhlan beag a' dol a dh'fheuchainn air an Hydro chan eil iad a' dol a dh'fhaighinn cothrom air cluiche an sin.

"'S iad àiteachan le tòrr charactair. Bidh iad a' toirt cothrom do dhaoine òga, do chòmhlain ùra - agus tha craic ann.

"A' chiad turas bha sinn gu math nearbhach. 'S e còmhlan gu math ùr a bh' againn aig an àm, agus 's e a' chiad samhradh a bh' againn a-mach air chuairt.

"Dh'fheuch sinn air King Tut's agus 's e oidhche gu math spòrsail a bh' ann - craicte actually!"

Eilidh NicCarmaig

Ged is beag an t-àite - cha bheag a bhuaidh.

Beagan is bliadhna gu leth an dèidh dhaibh cluiche ann, bha Valtos a' cluiche air beulaibh 1,300 duine ann an SWG3 ann an Glaschu, agus Julie Fowlis a' seinn còmhla riutha.

"Tha mi a' smaointinn gun robh àite aig King Tut's ann a bhith gar putadh gu na gigs nas motha," thuirt Eilidh.

"Tha ainm cho cliùiteach aig King Tut's, agus nuair a tha daoine a' faicinn gu bheil thu a' cluiche an sin tha iad a' smaointinn 'oh tha iad a' dèanamh uabhasach math!'

"Agus an uair sin tha venues eile a' smaoineachadh 'uill gabhaidh sinn an cothrom orrasan agus chì sinn dè thachras'."

King Tut's

Chaidh a h-uile ticead a reic nuair a bha Face the West agus Dlù a' cluiche ann.

Chaidh agus nuair a bha Valtos ann.

Mar sin dheth, tha fhios nach bi fada ann mus bi tuilleadh ciùil thraidiseanta Gàidhealach air an àrd-ùrlar ann.

An ceann còig bliadhna eile, bidh an t-àite ainmeil seo a' comharrachadh 40 bliadhna.

Mun àm sin, 's dòcha gum bi ainmean cuid de na còmhlain Ghàidhealach am measg na leughar a' dìreadh an staidhre a-steach ann.